diff -r bfeeb1c35e77 -r 04d9ea191a15 share/hedgewars/Data/Locale/gd.txt --- /dev/null Thu Jan 01 00:00:00 1970 +0000 +++ b/share/hedgewars/Data/Locale/gd.txt Fri Apr 07 01:17:51 2017 +0200 @@ -0,0 +1,547 @@ +; Scottish Gaelic locale + +00:00=Durcan-spreadhaidh +00:01=Boma sgapaidh +00:02=Bazooka +00:03=Seillean-amasaidh +00:04=Gunna-froise +00:05=Piocaid ’s òrd +00:06=Leig seachad +00:07=Ròpa +00:08=Mèinn +00:09=Iolaire an fhàsaich +00:10=Dineamait +00:11=Bata ball-beusa +00:12=Shoryuken +00:13=diog +00:14=Paraisiut +00:15=Ionnsaigh adhair +00:16=Buille mèinne +00:17=Lòchran +00:18=Togail +00:19=Tele-portadh +00:20=Gràineag eile +00:21=Mortar +00:22=Cuip +00:23=Kamikaze +00:24=Cèic +00:25=Suirghe +00:26=Boma meal-bhuic +00:27=Durcan-spreadhaidh ifrinneach +00:28=Rocaid tochlaidh +00:29=Gunna-bhàlaichean +00:30=Napalm +00:31=Itealan le smachd chèin +00:32=Iom-tharraing ìosal +00:33=Barrachd dhochainn +00:34=Do-leònaidh +00:35=Barrachd ùine +00:36=Fradharc leusair +00:37=Sùgh fala +00:38=Isneach fàtha +00:39=Soitheach-itealaich +00:40=Molotov Cocktail +00:41=Eunan +00:42=Tele-phortadh sgiobalta +00:43=Clàrsach mòr +00:44=Seann-chàise Limburg +00:45=Gunna sìneis +00:46=Gunna loisgidh +00:47=Mèinn steigeach +00:48=Òrd +00:49=Uidheam aiseirigh +00:50=Buille tochlaidh +00:51=Bàla puill +00:52=Gun arm +00:53=Bogsa ama +; 00:54=Structar +00:54=Stealladh tìre +00:55=Reòthadair +00:56=Corc +00:57=Bann rubair +00:58=Mèinne adhair + +01:00=Gabh orm! +01:01=Cuairt co-ionnann +01:02=bhuannaich %1! +01:03=Fuaim %1% +01:04=’Na stad +01:05=Fàgail dha-rìribh? (Y/Esc) (Briog gus leantainn air adhart) +01:06=Bàs obann! +01:07=%1 air fhàgail +01:08=Connadh +01:09=’Ga shioncronachadh… +01:10=Ma chleachdas tu an acainn seo, chan adhbharaich seo crìoch air a’ chuairt agad! +01:11=Chan eil an t-arm no acainn seo ri làimh fhathast! +01:12=A’ chuairt mu dheireadh ron bhàs obann! +01:13=%1 c(h)uairt(ean) gun bhàs obann! +01:14=Ullaichibh, %1! +01:15=Beagan +01:16=Ìosal +01:17=Àbhaisteach +01:18=Àrd +01:19=Anabarrach +01:20=Bocadh %1 +01:21=Fuaim mùchte +01:22=Modh “Air falbh on mheur-chlàr” +01:23=Camara fèin-obrachail dheth +01:24=Camara fèin-obrachail air +01:25=Brùth air a’ phutan amais gus comharra a chur ris an amas + +; Event messages +; Hog (%1) died +02:00=Thilg %1 suas an deò! +02:00=Thriall %1! +02:00=Cha robh %1 an dùil air seo idir! +02:00=Thuirt %1 soraidh slàn! +02:00=Shiubhail %1 gu àite nas fhearr! +02:00=Dh’eug %1! +02:00=Cha dèan %1 greim-bàis tuilleadh! +02:00=Choilean %1 a dhleastanas! +02:00=Chaidh %1 ’na bheò-ìobairt! +02:00=Theast %1! +02:00=Chrìochnaich %1! +02:00=Dh’fhalbh an ùine air %1! +02:00=Fhuair %1 sìth bhuan! +02:00=Dh’fhàg sinn soraidh slàn aig %1! +02:00=Chuir %1 a bhean is clann air cùl +02:00=Cha tilg %1 bazooka tuilleadh +02:00=Cha tilg %1 durcan-spreadhaidh tuilleadh +02:00=Cha dèan %1 cèic tuilleadh +02:00=Cha ghabh %1 dreallag air ròp tuilleadh +02:00=Cha dèan %1 ionnsaigh-adhair tuilleadh +02:00=Cha loisg %1 gunna-froise tuilleadh +02:00=Cha tilg %1 meal-bhuc tuilleadh +02:00=Cha do mhair %1 +02:00=Siud deireadh %1 +02:00=Bu mhath le %1 creat slàinte +02:00=Dh’fhalbh %1 gus geama nas fhearr a chluich +02:00=Thàinig an latha a bheir %1 suas +02:00=Cha deach an latha le %1 +02:00=%1 a thruaghain … +02:00=Tha %1 dheth +02:00=Bhac %1 peilearan le aodann +02:00=Tha %1 ’na shàr-ghaisgeach am measg nan daoi… gràineagan +02:00=Sheòl %1 gu Tìr nan Òg +02:00=Dh’fhalbh %1 +02:00=Lean %1 air na dìneasaran +02:00=Saoil an adhbharaich %1 gun tèid gràineagan à bith? +02:00=Tha sinn a’ caoineadh %1 +02:00=Chaidh %1 gu clos +02:00=Sheòl %1 an caolas +02:00=Chaidh %1 a dhìth +02:00=Can mar sin leat ri %1 +02:00=Chan eil dòchas air %1 tuilleadh +02:00=Dh’eugnaich %1 +02:00=Chan eil %1 ann tuilleadh +02:00=Thàinig ceal air %1 +02:00=Chaochail %1 +02:00=Tha %1 cho marbh ri sgadan +02:00=Chan eil %1 ann tuilleadh +02:00=Theirig %1 +02:00=Fois shìorraidh gun robh aig anam %1 +02:00=Chaidh %1 a mhùthadh +02:00=Tha %1 ullamh! +02:00=Cha tàinig ri %1 gun losgte air +02:00=Bu mhath le %1 beatha a bharrachd +02:00=A bheil lighiche ann? + +; Hog (%1) drowned +02:01=Tha %1 a’ cluich le bàta-tumaidh! +02:01=Chuir %1 dreach na Titanic air! +02:01=Rinn %1 snàmh mar chlach! +02:01=Tha %1 a’ fleòdradh mar bhreige! +02:01=Tha %1 a’ toirt sùil air a’ cheann dhomhain +02:01=Tha %1 a’ dèanamh glug glug glug +02:01=Tha %1 a’ plubadh +02:01=Dhìochuimhnich %1 na bannan-gàirdein +02:01=B’ fheairrde %1 snàmh ionnsachadh +02:01=Dh’fhàg %1 am bòrd-surfaidh aig an taigh +02:01=Chaidh %1 a sguabadh air falbh leis a’ mhuir +02:01=Tha %1 cho fliuch ris a’ mhuc eile +02:01=Cha do chuir %1 seacaid-teasairginn air +02:01=Tha %1 a’ dèanamh slub-slab +02:01=Tha %1 ’na chadal leis na h-èisg +02:01=Chan eil %1 dèidheil air fiosaigeachd an uisge sa gheama seo +02:01=Tha coltas a’ phathaidh aig %1 +02:01=Shiubhail %1 sa mhuir +02:01=Chair %1 air chall air fairge +02:01=Cha dug %1 uidheamachd daoibhigidh leis +02:01=Chaidh %1 adhlacadh aig muir +02:01=Chaith %1 an cuan +02:01=Tha %1 a’ feuchainn ri snàmh-droma ionnsachadh +02:01=Chaidh %1 an toir air a’ Titanic +02:01=Cha deach le %1 coiseachd air a’ mhuir +02:01=Tha %1 a’ lorg Nemo +02:01=Fhuair %1 a mhuir +02:01=Saoil co mheud gràineag a tha shìos an-siud? +02:01=Rinn %1 a’ mhuir beagan nas àirde +02:01=Cha deach %1 air a’ chabhlach +02:01=Chuir %1 dreach an èisg mhairbh air +02:01= Tha %1 a’ sgrùdadh grunnd na fairge +02:01=Rinn %1 buille gun snàmh +02:01=Chaidh %1 ithe le beul na mara +02:01=Tha %1 a’ coiseachd fon mhuir +02:01=Lorg %1 baile caillte Atlantis +02:01=Chan eil %1 math air plubraich +02:01=Riaslaich %1 an cuan +02:01=Bhuail %1 air a’ mhuir +02:01=Chan eil builgeadh math dha %1 +02:01=Tha %1 gann a ràth +02:01=Tha %1 dhen bheachd gu bheil sàl math airson a’ chraicinn +02:01=Fhuair %1 sàl ’na lotan +02:01=Chaidh %1 air a cheann dìreach a-mach air a’ mhuir +02:01=Ghabh %1 amar +02:01=Tha %1 fliuch bàithte +02:01=Tha %1 cho fliuch ri iasg +02:01=Leig %1 e fhèin sìos dhan ghrunnd + +; Round starts +02:02=Dèanamaid sabaid! +02:02=Astas air lagh! +02:02=Deiseil is deònach? +02:02=Tòisicheamaid! +02:02=A bheil thu deònach orra? +02:02=Buannaichidh a’ ghràineag as seasmhaiche +02:02=Siuthadaibh! +02:02=Dèan deas! +02:02=Ullaich! +02:02=Thòisich e… +02:02=Gabh orra! +02:02=Fàilte gu Hedgewars +02:02=Fàilte gu toiseach an airm +02:02=Mill do nàimhdean! +02:02=Gum buannaich a’ ghràineag as fhearr +02:02=Buaidh no bàs +02:02=Gheibh am fear a bhuannaicheas an creach +02:02=Chan fhaod sinn call +02:02=Dèan cogadh! +02:02=Hedgewars, ’ga thoirt dhut le Hedgewars.org +02:02=Gura math a thèid leat ’s gabh tlachd! +02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Tiyuri +02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh unC0Rr +02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Nemo +02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Smaxx +02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Jessor +02:02=Cuir do shaothair uile an cleachdadh ri gnìomh! +02:02=Nì an fheadhainn a chailleas an sgioblachadh! +02:02=Feumaidh tu sabaid mus tog thu an creach +02:02=Gun tòisich cath an linn +02:02=Gun tòisich cath an deicheid +02:02=Gun tòisich cath a’ bhliadhna +02:02=Gun tòisich cath a’ mhìosa +02:02=Gun tòisich cath na seachdaine +02:02=Gun tòisich cath an latha +02:02=Gun tòisich cath na h-uarach +02:02=Dèan do dhìcheall! +02:02=Sgrios an nàmhaid! +02:02=Gura math a thèid leat +02:02=Gabh tlachd +02:02=Dèan sabaid mhath +02:02=Dèan sabaid shuarach +02:02=Dèan sabaid onarach +02:02=Na gèill +02:02=Na gèill gu bhràth +02:02=Mill iad! +02:02=Cuir an sìneadh orra! +02:02=A bheil thu deònach air beagan spòrs? +02:02=Tiugainn! +02:02=A ghràineagan, air adhart! +02:02=Thoiribh dhàsan e! +02:02=Na bhiodh an t-eagal ort! +02:02=Bi dàna is ceannsaich + +; Round ends (win; unused atm) +02:03=… + +; Round ends (draw; unused atm) +02:04=… + +; New health crate +02:05=Tha cobhair a’ tighinn! +02:05=Lighiche! +02:05=Ciad chobhair o na speuran! +02:05=Seo pacaid slàinte dhut +02:05=Slàinte mhath… ann am bogsa! +02:05=Tha lighiche a’ tadhal ort +02:05=Plàstairean ùra! +02:05=Bidh thu a’ faireachdainn nas fhearr a dh’aithghearr +02:05=Gabhaidh seo leigheas +02:05=Beagan spionnadh ort! +02:05=Tog e +02:05=Mias fhallain +02:05=Leigheas dhan phian +02:05=Chan eil dòs iomchaidh ann ach an t-uiread a gheibh thu greim air! +02:05=Lìbhrigeadh èiginneach +02:05=Stòrasan! + +; New ammo crate +02:06=Barrachd airm! +02:06=Foirlionadh! +02:06=Loisgeamaid orra! +02:06=Saoil dè an t-arm a tha ’na bhroinn? +02:06=Stòras! +02:06=Saoil dè th’ ann? +02:06=Thàinig an Nollaig tràth ann an Hedgewars +02:06=Seo tìodhlac dhut! +02:06=Lìbhrigeadh sònraichte! +02:06=Abair dragh a chur a’ chusbainn oirnn +02:06=Dèideagan millteach on speur +02:06=Rabhadh! Susbaint luaineach +02:06=Tog no spreadh e a-rèir do thoil +02:06=Math math! +02:06=Connadh cunnartach +02:06=Bogsa dhe chumhachd millteach +02:06=Post-adhair! +02:06=Ge b’ e dè tha sa bhogsa ud, chan e ceann-cropaig a th’ ann +02:06=Faigh e! +02:06=Tha airm a’ tighinn +02:06=Nach fhaigheadh an nàmhaid greim air siud! +02:06=Dèideagan ùra gleansach! +02:06=Bogsa dìomhair! + +; New utility crate +02:07=Àm nan acainnean! +02:07=Bidh seo feumail gun teagamh… +02:07=Goireasan! +02:07=Cuir am bogsa seo gu feum +02:07=Thoir an aire gu h-ìosal +02:07=Barrachd goireasan! +02:07=Acainnean dhut! +02:07=Feumaidh gu bheil seo math! +02:07=Cleachd seo gu glic +02:07=Abair thusa gu bheil am bogsa seo trom +02:07=Saoil am bi seo gu feum dhut? + +; Hog (%1) skips his turn +02:08=Abair thusa gu bheil %1 ràsanach… +02:08=Tha %1 coma +02:08=Tha %1 ’na ghraineag leisg +02:08=Chan eil beachd aig %1 +02:08=Ghèill %1 +02:08=Thoir an aire no caillidh tu, %1 +02:08=Tha %1 na leisgear +02:08=Tha %1 cho leisg ri cù na sitig +02:08=Tha beagan brosnachaidh a dhìth air %1 +02:08=Tha %1 ’na shìochantair +02:08=Tha %1 a’ leigeil anail +02:08=Tha %1 a’ gabhail fois +02:08=Tha %1 air a s(h)ocair +02:08=Chan eil misneachd aig %1 +02:08=Chuir %1 roimhe gun a bhith a’ dèanamh dad +02:08=Tha %1 an dùil gun dèan an nàmhaid sgrios air fhèin +02:08=Chan eil %1 dèidheil air hòrò-gheallaidh +02:08=Tha %1 ’ga f(h)alach +02:08=Cha do ghabh %1 an cothrom seo +02:08=Shaoil %1… gun a bhith a’ dèanamh dad +02:08=’S e buigean a th’ ann an %1 +02:08=Is gealltair %1 +02:08=Ghabh %1 eagal +02:08=’S e gealtair a th’ ann an %1! +02:08=Tha %1 a’ feitheamh air a’ bhàs obainn +02:08=Cha toil le %1 sabaid +02:08=Chan eil %1 cinnteach carson a tha e beò +02:08=Cha robh amas aig %1 a-riamh +02:08=Cha robh %1 airson gabhail san arm co-dhiù +02:08=Sguir dhe bhith a’ caitheamh ar n-ùine, %1 +02:08=’S e briseadh-dùil a th’ annad, %1 +02:08=Siuthad is dèan nas fhearr, %1! +02:08=Chaill %1 a mhisneachd +02:08=Saoil a bheil an aire aig %1 air rudan nas inntinniche? +02:08=Tha %1 chun a bhith gòrach leis an eagal +02:08=Thuit %1 ’na chadal + +; Hog (%1) hurts himself only +02:09=Chan eil amas math aig %1! +02:09=Tha coltas gur lugha air %1 e fhèin +02:09=Sheas %1 air an taobh chearr! +02:09=Saoil a bheil %1 ri fèin-mhurt? +02:09=Fhuair %1 greim air taobh cearr an airm +02:09=Is %1 an gille crùbaich as a’ ghleann +02:09=Is toigh le %1 pian +02:09=Tha %1 coma mu mhairsinn beò +02:09=Rinn %1 bùrach dheth +02:09=Rinn %1 tòn dheth +02:09=Abair droch amas a bh’ agad, %1 +02:09=Tha %1 caran mì-chùramach a thaobh airm chunnartach +02:09=Saoil am bhiodh dreuchd eile a’ tighinn air %1? +02:09=Abair thusa gun robh sin uabhasach dona! +02:09=Obh ob %1 a sheòid, ’s ann air an nàmhaid a dh’fheumas tu losgadh! +02:09=Cha bu chòir dha %1 milleadh ach an nàmhaid +02:09=Tha am fèin-mhurt gu bhith tighinn air %1 +02:09=Thug %1 cobhair dhan nàmhaid +02:09=Nach tusa a tha gòrach, %1 +02:09=Tha %1 dhen bheachd nach dèanar math gun mhulad +02:09=Tha %1 troimhe chèile +02:09=Leòin %1 e fhèin +02:09=Tha %1 math air a nàrachadh fhèin +02:09=’S e crògaire a th’ ann an %1! +02:09=Tha %1 slibist +02:09=Sheall %1 dhan nàmhaid dè na comasan a th’ air +02:09=Chan urrainn dha %1 bhith foirfe gach turas +02:09=Na gabh dragh %1 gu bheil thu ’nad amadan +02:09=’S ann air aona-ghnothach a rinn %1 seo +02:09=Cha chan mi guth mus can thu fhèin, %1 +02:09=Abair nàire! +02:09=Tha mi cinnteach nach fhaca duine beò sin, %1 +02:09=Tha %1 feumach air barrachd oideachaidh +02:09=Tha e follaiseach gun deach rudeigin cearr leis an arm aig %1 + +; Hog shot an home run (using the bat and another hog) +02:10=A’ seòladh nan neul! +02:10=Seallaibh na dh’èirich air … +02:10=Mach, mach! + +; Hog (%1) has to leave (team is gone) +02:11=Feumaidh %1 a dhol innte! +02:11=Tha %1 ro thrang airson cluiche +02:11=Chaidh %1 air chall! +02:11=Feumaidh %1 falbh + +; Weapon Categories +03:00=Durcan-spreadhaidh le tìmear +03:01=Durcan-spreadhaidh le tìmear +03:02=Arm tilgeil +03:03=Arm stiùirichte +03:04=Gunna (iomadh losgadh) +03:05=Acainn tochlaidh +03:06=Gnìomh +03:07=Goireas siubhail +03:08=Boma fagasachd +03:09=Gunna (iomadh losgadh) +03:10=DÙD! +03:11=Buille! +03:12=Ealain còmhraige +03:13=GUN CHLEACHDADH +03:14=Goireas siubhail +03:15=Ionnsaigh adhair +03:16=Ionnsaigh adhair +03:17=Acainn tochlaidh +03:18=Goireas +03:19=Goireas siubhail +03:20=Gnìomh +03:21=Arm tilgeil +03:22=Can Indiana rium! +03:23=Fìor-ealain còmhraige +03:24=Chan e breug a tha sa chèic seo! +03:25=Arm tarraingeach +03:26=Durcan-spreadhaidh sùghach +03:27=Durcan-spreadhaidh teinnteach +03:28=Arm tilgeil +03:29=Arm tilgeil +03:30=Ionnsaigh adhair +03:31=Boma le smachd chèin +03:32=Buil shealach +03:33=Buil shealach +03:34=Buil shealach +03:35=Buil shealach +03:36=Buil shealach +03:37=Buil shealach +03:38=Gunna (iomadh losgadh) +03:39=Goireas siubhail +03:40=Durcan-spreadhaidh losgaidh +03:41=Glè dhèidheil air sgreuchail +03:42=Gabhaidh mi nòta… +; the misspelled "Beethoven" is intentional (-> to beat) +03:43=Seinnidh e marbhrann +03:44=Best before: 1923 +03:45=Cumhachd an t-saidheins +03:46=Teth teth teth! +03:47=Steig àiteigin feumail i! +03:48=Cead òrd a bhualadh air bàirnich +03:49=’S ann gun ifrinn a thilleas na mairbh! +03:50=Dèidheil air famhan +03:51=Lorg sinn e air an làr +03:52=GUN CHLEACHDADH +03:53=Seòrsa 40 +;03:54=Tog rudeigin +03:54=Goireas +03:55=Chan fhàs i nas fhionnaire na seo! +03:56=Dèan cleachdadh no droch chleachdadh +03:57=Goireas +03:58=Boma fagasachd air fhleòd + +; Weapon Descriptions (use | as line breaks) +04:00=Thoir ionnsaigh air na nàimhdean agad le durcan-spreadhaidh simplidh.|Spreadhaidh e nuair a ruigeas an tìmear aige neoni.|1-5: Suidhich tìmear an durcain|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart +04:01=Thoir ionnsaigh air na nàimhdean agad le boma sgapaidh.|Thèid a sgapadh ’na bomaichean beaga nuair a ruigeas|an tìmear aige neoni.|1-5: Suidhich tìmear a’ bhoma|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart +04:02=Thoir ionnsaigh air do nàimhdean le pròiseactal-tilgidh|air an dig buaidh na gaoithe ma dh’fhaoidte.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart +04:03=Cuir seillean spreadhach gu dol a nì lorg air an amas a thagh thu.|Na loisg le làn-chumhachd e gus am bidh e nas pongaile.|Cùrsair: Tagh an t-amas|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart +04:04=Thoir ionnsaigh air an nàmhaid agad le gunna-froise|a ghabhas losgadh dà thuras. Ri linn an sgapaidh,|cha leig thu leas a bhith pongail gus cron a dhèanamh|air na nàimhdean agad.|Ionnsaigh: Loisg (iomadh turas) +04:05=Gluais fon talamh! Cleachd piocaid ’s òrd gus toll san talamh|a dhriligeadh agus raointean eile a ruigsinn.|Ionnsaigh: Tòisich no cuir stad air tochladh|Clì/Deas: Gluais rè an driligidh +04:06=A bheil thu seachd searbh?|Gun dòigh gus ionnsaigh a thoirt?|Airson an connadh agad a shàbhaladh?|Chan eil seo ’na dhuilgheadas!|Nach leig thu seachad a’ chuairt agad, a ghealtair?|Ionnsaigh: Leig seachad a’ chuairt agad gun sabaid +04:07=Rach astar mòr a’ tilgeadh an ròpa gu sgileil. Cleachd an rot agad gus leum air|gràineagan eile no leig às durcain-spreadhaidh is airm eile orra.|Ionnsaigh: Tilg no leig às an ròpa|Suas/Sìos: Leudaich/Giorraich an ròpa|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no arm coltach ris +04:08=Cum na nàimhdean air falbh ’s tu a’ leigeil mèinn am badeigin|cumhang no dìreach fon chasan.|Dèan cinnteach gun cùlaich thu air eagal gun spreidh thu fhèin i!|Ionnsaigh: Leig às a’ mhèinn ri taobh do chois|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart bocadaich na mèinne +04:09=Nach eil thu math air amas? Cleachd iolaire an fhàsaich|gus ionnsaigh a thoirt le suas ri ceithir losgaidhean.|Ionnsaigh: Loisg (iomadh turas) +04:10=Nì ainneart a’ chùis gu tric. Leig às an stuth-spreadhaidh|clasaigeach seo ri taobh do nàimhdean agus cùlaich.|Ionnsaigh: Leig às dineamait ri taobh do chois +04:11=Thoir slaic air gràineagan eile le bata gus an dèid iad|thar oir a’ mhapa no dhan uisge.|No am put thu mèinnean cha na caraidean agad?|Ionnsaigh: Buail le bata air a h-uile càil air do bheulaibh +04:12=Thig faisg air do nàimhdean le cumhachd an ealain|còmhraige seo a tha caran marbhtach.|Ionnsaigh: Dèan Shoryuken iongantach. +04:13=GUN CHLEACHDADH +04:14=Nach toigh leat an àirde? Faigh greim air paraisiut. Thèid a neo-phasgadh gu|fèin-obrachail nuair a thuiteas tu ro fhada agus sàbhailidh e do ghràineag|o dhochann tuiteim.|Ionnsaigh: Neo-phaisg no cuir à comas am paraisiut a làimh|Clì/Deas/Suas/Sìos: Stiùirich far an sgiathaich thu|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no arm coltach ris +04:15=Iarr itealan a bheir ionnsaigh air na nàimhdean agad|le bomaichean.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais +04:16=Iarr itealan leigeas às bomaichean san raon-amais.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais +04:17=A bheil thu feumach air fasgadh? Cleachd an lòchran gus|tunail a thochladh san talamh a bheir fasgadh dhut.|Ionnsaigh: Tòisich air no sgur dhen tochladh|Suas/Sìos: Atharraich comhair an tochlaidh +04:18=A bheil barrachd dìona a dhìth ort no a bheil thu airson dol thairis air talamh nach|urrainn dhut coiseachd air? Cuir teannadairean ann far an togair thu.|Clì/Deas: Tagh teannadair ri chur ann|Cùrsair: Cuir an teannadair air ionad dligheach +04:19=Ma chleachdas tu aig an àm cheart e, faodaidh tele-phortadh a bhith nas|cumhachdaiche na cha mhòr arm sam bith on a leigeas e leat gràineag|a shàbhaladh o shuidheachadh cunnartach ann an tiotag.|Cùrsair: Tagh raon amais|clì/Deas: Tagh comhair na h-aghaidh +04:20=Leigidh seo leat a’ chuairt làithreach a ghabhail le gràineag eile.|Ionnsaigh: Cuir atharrachadh ghràineagan an comas|Dèan suids: Tagh an ath-ghràineag|Amas pongail + Dèan suids: Tagh a’ ghràineag roimhpe +04:21=Loisg astas a sgaoileas iomadh peilear nuair a bhuaileas e.|Thèid na peilearan a thilgeil air ais agus tha iad nas|cunnartaiche na am prìomh-pheilear.|Ionnsaigh: Loisg le làn-chumhachd +04:22=Chan eil seo gu feum dha Indiana Jones a-mhàin!|’S e arm feumail a tha sa chuip ann an iomadh suidheachadh.|Gu h-àraidh nuair a bhios tu airson cuideigin a bhrùthadh far chreag.|Ionnsaigh: Buail air a h-uile càil air do bheulaibh +04:23=Mur eil dòchas eile ann tuilleadh, faodaidh seo a bhith goireasach gu leòr.|Dèan ìobairt dhe do ghràineag agus tilg i an comhair shònraichte gus|dochann a dhèanamh air càil sam bith ’na rathad.|Spreidhidh i air an deireadh.|Ionnsaigh: Thoir ionnsaigh sgriosail mharbhtach +04:24=Co-là breith sona dhut! Cuir a’ chèic seo gu dol ach an dèid i gu|taobh do nàimhdean ach am bi hòro-gheallaidh spreadhach aca.|Gheibh a’ chèic thar cha mhòr tìr sam bith ach dh’fhaoidte gun|spreidh i nas tràithe mar sin.|Ionnsaigh: Cuir a’ chèic gu dol no cuir stad is spreadhadh oirre +04:25=Nuair a chuireas tu a’ chulaidh seo air do ghràineag,bidh i|cho tarraingeach nach e ruith ach leum a th’ ann dha na|gràineagan faisg oirre on a thèid an dalladh leis|a’ ghaol (agus ’s dòcha gun dèid iad ann am beàrn no toll).|Leaghaidh lasair na suirghe seo fiù ’s cridhean ghràineagan reòite.|Ionnsaigh: Dèan suirghe nach gabh diùltadh +04:26=Tilg a’ mheal-bhuc sùghail (is sgeingeach) air na nàimhdean. Nuair a dh’fhalbhas an ùine air an tìmear, thèid a sgapadh ’na bomaichean beaga.|1-5: Suidhich tìmear na meal-bhuic|Ionnsaigh: Cum sìos gus a tilgeil le barrachd neart +04:27=Dòirt teine ifrinneach air do nàimhdean leis an stuth-spreadhaidh mallaichte seo. Cum air falbh on spreadhadh on a dh’fhaodas teinntean beaga maireachdainn greis.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart +04:28=Greis às dèidh dhut an rocaid seo a chur gu dol, tòisichidh i|air tochladh ron làr agus spreadhaidh i nuair a thèid a fiùsa air|no nuair a ruigeas i an uachdair a-rithist.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a cur gu dol le barrachd neart +04:29=Chan eil an t-inneal seo iomchaidh dhan chlann! Loisgidh an gunna-bhàlaichean torr bhàlaichean beaga dathte a tha làn stuth-spreadhaidh.|Ionnsaigh: Loisg le làn-neart|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas +04:30=Iarr itealan a bheir ionnsaigh cumhachdach le napalm.|Leis an amas cheart, millidh an ionnsaigh seo raon mòr|dhen tìr, a’ gabhail a-steach nan gràineagan mì-fhortanach|a tha ’nan seasamh ann.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais +04:31=’S e an t-arm as fhearr gus creataichean a thogail no ionnsaigh a thoirt air gràineagan fad air falbh a tha san itealan le smachd chèin. Buail ri nàmhaid leis no leig às bomaichean an toiseach.|Ionnsaigh: Cuir an t-itealan gu dol no leig às boma|Leum fada: Dèan còmhrag|Clì/Deas: Stiùirich an t-itealan +04:32=Tha iom-tharraing ìosal nas èifeachdaiche na daithead sam bith! Leum nas àirde is nas fhaide no tilg na nàimhdean agad nas fhaide.|Ionnsaigh: Gnìomhaich +04:33=Aig amannan, chan eil a dhìth ort ach beagan dochainn a bharrachd. Ma ghnìomhaicheas tu seo, thèid 50% a chur ris an dochann gu deireadh na cuairte.|Ionnsaigh: Gnìomhaich +04:34=Chan fhulaing thu dochann gu deireadh do chuairt. Na bi ro bhragail co-dhiù on a ghabhas do bhàthadh fhathast.|Ionnsaigh: Gnìomhaich +04:35=Faodaidh gum falbh an ùine ort ro luath.|Faigh 30 diog a bharrachd gus an ionnsaigh agad a thoirt gu buil.|Ionnsaigh: Gnìomhaich +04:36=Uill, nach eil sgilean amais a dhìth ort? Faigh beagan taice le teicneolas ùr-nòsach.|Ionnsaigh: Gnìomhaich +04:37=Na cuireadh solas an latha an t-eagal ort! Cha mhair e ach cuairt agus sùghaidh tu 80% dhen dochann a dh’fhulaingeas na gràineagan eile.|Ionnsaigh: Gnìomhaich +04:38=Faodaidh an isneach fàtha a bhith ’na arm as milltiche san arm-lann agad|ach chan eil i èifeachdach idir ma tha an t-amas faisg ort.|Mar as fhaide air falbh an t-amas ’s ann as motha a bhios an dochann a nì i.|Tha i doirbh tomhadh, mar sin feumaidh tu fuireach far a bheil thu fhad ’s a|bhios an t-arm seo an gnìomh.|Ionnsaigh: Gnìomhaich am fradharc-leusair agus loisg an uairsin (dà thuras)|Clì/Deas: Tionndaidh an chomhair do chùil (eadar dà losgadh) +04:39=Sgiathaich gu sgìre eile a’ mhapa leis an t-soitheach-itealaich. Bheir an goireas seo|a tha doirbh làimhseachadh cha mhòr gu àite sam bith air a’ bhlàr thu.|Ionnsaigh: Gnìomhaich/Cuir à gnìomh|Cuas/Clì/Deas: Luathachadh goirid dhan chomhair sin|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no airm coltach riutha|Amas pongail + leum fada: Tilg arm dhan chrois-ribe|Amas pongail + Suas/Sìos: Gleus an tomhadh +04:40=Cuir teine air an làr leis a’ bhotal seo a tha làn lionna|a loisgeas (an ceann greis).|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart +04:41=Seo dearbhadh gu bheil an nàdar as cumhachdaiche na an soitheach-itealaich.|Giùlainidh an t-eunan do ghràineag mu thimcheall agus leigidh e uighean air|na nàimhdean gus am puinnseanachadh!|Bi luath on a chaitheas an t-eunan ùine na cuairte agad!|Ionnsaigh: Gnìomhaich is leig às uighean|Suas/Clì/Deas: Clap sgiathan ’na chomhair sin +04:42=Bheir an t-inneal tele-phortaidh so-ghiùlan seo nithean on dàrna ionad dhan ionad eile sa bhad – thu fhèin, nàmhaid no airm.|Cleachd gu glic e ach an dèid an latha leat!|Aithris-àichidh: Chan obraich e air bann rubair.|Ionnsaigh: Tilg doras|Dèan suids: Atharraich dath an dorais +04:43=Cuir an t-iongnadh air càch le do chuid ciùil!|Tuit clàrsach mòr o na speuran|a mhilleas gad rud ’na rathad ach thoir an aire:|Thèid do ghràineag ’na h-ìobairt gus an clàrsach a ghairm.|Cùrsair: Tagh raon amais|F1-F9: Seinn air a’ chlàrsach +04:44=Chan e càise a th’ ann ach cogadh bith-eòlach! Cha dèan e mòran|dochainn nuair a ruigeas an tìmear neoni ach thèid gràineag|sam bith a bheir fàileadh às a phuinnseanachadh!|1-5: Suidhich an tìmear|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart +04:45=Gheibh thu buannachd às an eòlas-nàdair mu dheireadh thall!|Cuir gu dol tonn sìneis marbhtach a loisgeas tron tìr.|Thoir an aire on a tha bualadh air ais làidir aig an arm seo.|Ionnsaigh: Loisg +04:46=Còmhdaich do nàimhdean le lasair theth.|Bheir i tiomachadh air an cridheachan!|Ionnsaigh: Gnìomhaich|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas|Clì/Deas: Gleus neart an steallaidh +04:47=Thoir an dà latha air do nàimhdean le dà mhèinn steigeach spèiceach shlìogach.|Suidhich frith-spreadhadh no dìon thu fhèin (no an dà chuid!)|Ionnsaigh: Cum sìos gus an tilgeil le barrachd neart +04:48=Carson nach rachadh bualadh ach air famhan?|Tha bualadh air gràineag (no mèin, no baraill) a cheart cho tlachdmhor!|Bheir bualadh math leis an òrd seo an treas cuid a shlàinte o ghràineag|(no an dàrna leth le barrachd dochainn) agus cuiridh e fon talamh i.|Ionnsaigh: Gnìomhaich +04:49=Dèan ìobairt dhe do shlàinte gus do charaidean aiseirigh!|Ach thoir an aire gun dèid do nàimhdean aiseirigh cuideachd.|Ionnsaigh: Cum sìos gus an aiseirigh gu slaodach|Suas: Luathaich an aiseirigh +04:50=A bheil cuideigin ’na fhalach fon talamh?|Thoir dhan uachdar iad le buille tochlaidh!|Stiùirichidh an tìmear dè cho domhainn ’s a thochlas e.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|1-5: Suidhich an tìmear|Cùrsair: Tagh raon amais +04:51=Faigh losgadh an-asgaidh ’s tu a’ tilgeil bàla puill.|Cha dèan e dochann ach putaidh e gràineagan is nithean.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart +04:52=GUN CHLEACHDADH +04:53=Gabh sgrìobag thar àm is rum fhad ’s a dh’fhàgas tu do chuideachd|a’ sabaid ’nan aonar. Bi an dùil air tilleadh uair sam bith no air bàs|obann ma thèid an ruaig uile.|Aithris-àichidh: Chan obraich e ann am modh a’ bhàir obainn|ma tha thu ’nad aonar no mas e rìgh a th’ annad.|Ionnsaigh: Gnìomhaich +04:54=Steall sruth dhe bhleideagan steigeach.|Tog drochaidean, tòrr nàimhdean, dùin tunailean.|Thoir an aire nach cuir thu gin dheth ort fhèin!|Ionnsaigh: Gnìomhaich|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas|clì/Deas: Gleus neart an steallaidh +04:55=Till dhan linn-deighe!|Cuir reòthadh air gràineagan, dèan an làr sleamhainn no sàbhail thu fhèin on bhàthadh le reòthadh an uisge.|Ionnsaigh: Gnìomhaich/Cuir à gnìomh an gath-reòthaidh|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas +04:56=Tilg dà chorc air do nàimhdean no cleachd iad gus bealaich is tunailean a bhacadh no gus sreap leotha!|Thoir an aire! Tha cluich le sgian cunnartach.|Ionnsaigh: Cum sìos gus an tilgeil le barrachd neart (dà thuras) +04:57=Tog bann rubair lastaigeach sìnteach às a bhocas gràineagan is rudan eile gun a bhith|a’ fulang dochann tuiteim.|Clì/Deas: Atharraich comhair a’ bhanna rubair|Cùrsair: Cuir am bann rubair air ionad dligheach +04:58=Sgiathaidh am boma fagais seo san adhar gu saor agus leanaidh e air a’ gràineag a tha cho mì-fhaiceallach ’s a thèid i ro fhaisg air.|Chan eil an spreadhadh aige cho làidir ’s a tha aig a’ mhèinn thìreach co-dhiù.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart + +; Game goal strings +05:00=Modhan a’ gheama +05:01=Seo na riaghailtean a bhios an gnìomh +05:02=Dùin: Dìon na dùin agad; sgrios na nàimhdean! +05:03=Iom-tharraing ìosal: Coisich gu cùramach +05:04=Do-leònaidh: Tha na gràineagan (cha mhòr) do-leònta +05:05=Sùgh fala: Thèid na gràineagan a shlànachadh le 80% dhen dochann a fhuair iad +05:06=Karma: Fulaingidh na gràineagan airson an dochainn a rinn iad +05:07=Dìon an rìgh: Na leig leis an rìgh agad bàsachadh!|Cuir an rìgh ann: Tagh ionad-tòiseachaidh dìonta airson an rìgh agad +05:08=Cuir ann gràineagan: Tagh ionadan nan gràineagan agad mus tòisich an geama +05:09=Làmhachas: Chan urrainn dha na gràineagan agad coiseachd gu ionad eile +05:10=Tìr do-mhillte: Cha mhill a’ mhòrchuid a dh’airm an tìr +05:11=Connadh co-roinnte: Co-roinnidh gach sgioba air a bheil an t-aon dath an cuid connaidh +05:12=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean às dèidh %1 diog(an) +05:13=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean sa bhad +05:14=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean às dèidh 0 – 5 diogan +05:15=Atharraichear dochainn: Nì (cha mhòr) a h-uile arm %1% a dhochann +05:16=Thèid slàinte nan gràineagan uile ath-shuidheachadh air deireadh na cuairte +05:17=Thèid gràineagan nan IF ath-ghintinn nuair a gheibh iad bàs +05:18=Ionnsaighean gun chuingeachadh +05:19=Thèid na h-airm ath-shuidheachadh air deireadh na cuairte +05:20=Cha cho-roinn na gràineagan na h-airm +05:21=Sgiabag sgioba: Gabhaidh na sgiobaidhean ann an cinneadh cuairt fear mu seach|Ùine cho-roinnte: Co-roinnidh na sgiobaidhean ann an cinneadh ùine nan cuairt \ No newline at end of file