; Scottish Gaelic locale 00:00=Durcan-spreadhaidh 00:01=Boma sgapaidh 00:02=Bazooka 00:03=Seillean-amasaidh 00:04=Gunna-froise 00:05=Piocaid ’s òrd 00:06=Leig seachad 00:07=Ròpa 00:08=Mèinn 00:09=Iolaire an fhàsaich 00:10=Dineamait 00:11=Bata ball-beusa 00:12=Shoryuken 00:13=diog 00:14=Paraisiut 00:15=Ionnsaigh adhair 00:16=Buille mèinne 00:17=Lòchran 00:18=Togail 00:19=Tele-portadh 00:20=Gràineag eile 00:21=Mortar 00:22=Cuip 00:23=Kamikaze 00:24=Cèic 00:25=Suirghe 00:26=Boma meal-bhuic 00:27=Durcan-spreadhaidh ifrinneach 00:28=Rocaid tochlaidh 00:29=Gunna-bhàlaichean 00:30=Napalm 00:31=Itealan le smachd chèin 00:32=Iom-tharraing ìosal 00:33=Barrachd dhochainn 00:34=Do-leònaidh 00:35=Barrachd ùine 00:36=Fradharc leusair 00:37=Sùgh fala 00:38=Isneach fàtha 00:39=Soitheach-itealaich 00:40=Molotov Cocktail 00:41=Eunan 00:42=Tele-phortadh sgiobalta 00:43=Clàrsach mòr 00:44=Seann-chàise Limburg 00:45=Gunna sìneis 00:46=Gunna loisgidh 00:47=Mèinn steigeach 00:48=Òrd 00:49=Uidheam aiseirigh 00:50=Buille tochlaidh 00:51=Bàla puill 00:52=Gun arm 00:53=Bogsa ama 00:54=Stealladh talmhainn 00:55=Reòthadair 00:56=Corc 00:57=Bann rubair 00:58=Mèinn adhair 00:59=Snàigear 00:60=Meanbh-ghunna 01:00=’Ga luchdadh … 01:01=Cuairt co-ionnann 01:02=bhuannaich %1! 01:03=Fuaim %1% 01:04=’Na stad 01:05=A bheil thu airson fàgail dha-rìribh? (%1/%2) 01:06=Bàs obann! 01:07=%1 air fhàgail 01:08=Connadh: %1% 01:09=’Ga shioncronachadh… 01:10=Ma chleachdas tu an acainn seo, chan adhbharaich seo crìoch air a’ chuairt agad! 01:11=Chan eil an t-arm no acainn seo ri làimh fhathast! 01:12=A’ chuairt mu dheireadh ron bhàs obann! 01:13=%1 c(h)uairt(ean) gun bhàs obann! 01:14=Ullaichibh, %1! 01:15=Beagan 01:16=Ìosal 01:17=Àbhaisteach 01:18=Àrd 01:19=Anabarrach 01:20=Bocadh %1 01:21=Fuaim mùchte 01:22=Thèid leuman a ghearradh gu fèin-obrachail 01:23=Camara fèin-obrachail dheth 01:24=Camara fèin-obrachail air 01:25=Brùth air a’ phutan amais gus comharra a chur ris an amas 01:26=Chan eil an goireas seo ri fhaighinn ann am modh a’ bhàis obainn ; E.g. “+25” when gaining health from crate or vampirism 01:27=+%1 01:28=Falamh! 01:29=Iuchair nach aithne dhuinn 01:30=Buannaich %1 ’s %2! 01:31=Bhuannaich %1, %2 ’s %3! 01:32=Bhuannaich %1, %2, %3 ’s %4! 01:33=Bhuannaich %1, %2, %3, %4 ’s %5! 01:34=Bhuannaich %1, %2, %3, %4, %5 ’s %6! 01:35=Bhuannaich %1, %2, %3, %4, %5, %6 ’s %7! 01:36=Bhuannaich a h-uile gràineag! 01:37=Dh’fhalbh %1. 01:38=Thill %1. 01:39=Ghearr %1 thar na cuairte gu fèin-obrachail. 01:40=%1 fps 01:41=Parsadh Lua: DHETH 01:42=Parsadh Lua: AIR 01:43=Chan eil parsadh Lua ceadaiche ann an geama air loidhne! ; Ammo count in ammo menu 01:44=%1× ; Chat. %1 = player, %2 = message 01:45=%1: %2 ; Clan chat. %1 = player, %2 = message 01:46=[Clan] %1: %2 ; Hedgehog chat. %1 = hog name, %2 = message 01:47=[%1]: %2 ; Event messages ; Normal hog (%1) died (0 health) 02:00=Thilg %1 suas an deò! 02:00=Thriall %1! 02:00=Cha robh %1 an dùil air seo idir! 02:00=Thuirt %1 soraidh slàn! 02:00=Shiubhail %1 gu àite nas fhearr! 02:00=Dh’eug %1! 02:00=Cha dèan %1 greim-bàis tuilleadh! 02:00=Choilean %1 a dhleastanas! 02:00=Chaidh %1 ’na bheò-ìobairt! 02:00=Theast %1! 02:00=Chrìochnaich %1! 02:00=Dh’fhalbh an ùine air %1! 02:00=Fhuair %1 sìth bhuan! 02:00=Dh’fhàg sinn soraidh slàn aig %1! 02:00=Chuir %1 a bhean is clann air cùl 02:00=Cha tilg %1 bazooka tuilleadh 02:00=Cha tilg %1 durcan-spreadhaidh tuilleadh 02:00=Cha dèan %1 cèic tuilleadh 02:00=Cha ghabh %1 dreallag air ròp tuilleadh 02:00=Cha dèan %1 ionnsaigh-adhair tuilleadh 02:00=Cha loisg %1 gunna-froise tuilleadh 02:00=Cha tilg %1 meal-bhuc tuilleadh 02:00=Cha do mhair %1 02:00=Siud deireadh %1 02:00=Bu mhath le %1 creat slàinte 02:00=Dh’fhalbh %1 gus geama nas fhearr a chluich 02:00=Thàinig an latha a bheir %1 suas 02:00=Cha deach an latha le %1 02:00=%1 a thruaghain … 02:00=Tha %1 dheth 02:00=Bhac %1 peilearan le aodann 02:00=Tha %1 ’na shàr-ghaisgeach am measg nan daoi… gràineagan 02:00=Sheòl %1 gu Tìr nan Òg 02:00=Dh’fhalbh %1 02:00=Lean %1 air na dìneasaran 02:00=Saoil an adhbharaich %1 gun tèid gràineagan à bith? 02:00=Tha sinn a’ caoineadh %1 02:00=Chaidh %1 gu clos 02:00=Sheòl %1 an caolas 02:00=Chaidh %1 a dhìth 02:00=Can mar sin leat ri %1 02:00=Chan eil dòchas air %1 tuilleadh 02:00=Dh’eugnaich %1 02:00=Chan eil %1 ann tuilleadh 02:00=Thàinig ceal air %1 02:00=Chaochail %1 02:00=Tha %1 cho marbh ri sgadan 02:00=Chan eil %1 ann tuilleadh 02:00=Theirig %1 02:00=Fois shìorraidh gun robh aig anam %1 02:00=Chaidh %1 a mhùthadh 02:00=Tha %1 ullamh! 02:00=Cha tàinig ri %1 gun losgte air 02:00=Bu mhath le %1 beatha a bharrachd 02:00=A bheil lighiche ann? 02:00=Chan èirich %1 a-rithist 02:00=Cha do sheas %1 02:00=Chan eil %1 ach a’ leigeil oirre gu bheil i marbh 02:00=Thàinig an dà latha air %1 02:00=Chì %1 gràineagan marbh 02:00=Tha leac air beul %1 02:00=Soraidh slàn dha %1 02:00=Thàinig crìoch a’ gheama dha %1! 02:00=Tha sin seachad, %1 02:00=Tillidh %1 02:00=Tha %1 a’ leigeil a h-analach 02:00=Cha robh %1 tapaidh gu leòr 02:00=Beannachd leat, %1! 02:00=Tha %1 marbh 02:00=Thèid %1 gu nèamh nan gràineag 02:00=Tachraidh %1 ri rìgh nan dùil 02:00=Chaidh cur às dha %1 02:00=Nì sinn dìoghaltas às leth %1! 02:00=Cha bhi pian air %1 tuilleadh 02:00=Nach b’ e %1 an gaisgeach! 02:00=Tha %1 a’ feitheamh airson na h-aiseirigh 02:00=Dh’fhiosraich %1 na thig às dèidh a’ bhàis 02:00=Chaill %1 ann an geama na beatha 02:00=Chaidh %1 a mhilleadh 02:00=Nì %1 geamhrachadh fada 02:00=Ochan ò! Carson a fhuair %1 bàs? 02:00=%1 a thruaghain ’s tu cho òg fhathast… 02:00=Chan eil eagal air %1 ron bhàs tuilleadh 02:00=Chaidh %1 a shaoradh o uabhas a’ chogaidh 02:00=Thug %1 teothachd an ruim air 02:00=Cha do shoirbhich le %1 02:00=Tha %1 cho marbh ri sgadan a bhiodh bliadhna air an fharadh 02:00=Tha %1 cho marbh ri sgadan a bhiodh oidhche ann an salann ; 02:00Thuit =%1 ’s chan èirich e tuilleadh 02:00=Fuair%1 tàmh sìorraidh 02:00=Thàinig an taghadh nàdarra air %1 02:00=Tha %1 seachd searbh sgìth dhen bheatha 02:00=Chaidh %1 gun saoghal fon talamh 02:00=Chan eil chuimhne aig %1 air mar a thairngeas tu anail 02:00=Chaidh %1 far a casan gu buan 02:00=Tha an laigse buan air %1 02:00=Ràinig %1 an ceann-uidhe deireannach ; Normal hog (%1) drowned 02:01=Tha %1 a’ cluich le bàta-tumaidh! 02:01=Chuir %1 dreach na Titanic air! 02:01=Rinn %1 snàmh mar chlach! 02:01=Tha %1 a’ fleòdradh mar bhreige! 02:01=Tha %1 a’ toirt sùil air a’ cheann dhomhain 02:01=Tha %1 a’ dèanamh glug glug glug 02:01=Tha %1 a’ plubadh 02:01=Dhìochuimhnich %1 na bannan-gàirdein 02:01=B’ fheairrde %1 snàmh ionnsachadh 02:01=Dh’fhàg %1 am bòrd-surfaidh aig an taigh 02:01=Chaidh %1 a sguabadh air falbh leis a’ mhuir 02:01=Tha %1 cho fliuch ris a’ mhuc eile 02:01=Cha do chuir %1 seacaid-teasairginn air 02:01=Tha %1 a’ dèanamh slub-slab 02:01=Tha %1 ’na chadal leis na h-èisg 02:01=Chan eil %1 dèidheil air fiosaigeachd an uisge sa gheama seo 02:01=Tha coltas a’ phathaidh aig %1 02:01=Shiubhail %1 sa mhuir 02:01=Chair %1 air chall air fairge 02:01=Cha dug %1 uidheamachd daoibhigidh leis 02:01=Chaidh %1 adhlacadh aig muir 02:01=Chaith %1 an cuan 02:01=Tha %1 a’ feuchainn ri snàmh-droma ionnsachadh 02:01=Chaidh %1 an toir air a’ Titanic 02:01=Cha deach le %1 coiseachd air a’ mhuir 02:01=Tha %1 a’ lorg Nemo 02:01=Fhuair %1 a mhuir 02:01=Saoil co mheud gràineag a tha shìos an-siud? 02:01=Rinn %1 a’ mhuir beagan nas àirde 02:01=Cha deach %1 air a’ chabhlach 02:01=Chuir %1 dreach an èisg mhairbh air 02:01= Tha %1 a’ sgrùdadh grunnd na fairge 02:01=Rinn %1 buille gun snàmh 02:01=Chaidh %1 ithe le beul na mara 02:01=Tha %1 a’ coiseachd fon mhuir 02:01=Lorg %1 baile caillte Atlantis 02:01=Chan eil %1 math air plubraich 02:01=Riaslaich %1 an cuan 02:01=Chan eil %1 measail air cleasan-uisge 02:01=Chan eil builgeadh math dha %1 02:01=Tha %1 gann a ràth 02:01=Tha %1 dhen bheachd gu bheil sàl math airson a’ chraicinn 02:01=Fhuair %1 sàl ’na lotan 02:01=Chaidh %1 air a cheann dìreach a-mach air a’ mhuir 02:01=Ghabh %1 amar 02:01=Tha %1 fliuch bàithte 02:01=Tha %1 cho fliuch ri iasg 02:01=Leig %1 e fhèin sìos dhan ghrunnd 02:01=Tha %1 a’ rùrachadh na mara 02:01=Chan e iasg a th’ annad, %1! 02:01=Tha %1 a’ snàmh beul fo bhonn 02:01=Tha %1 feumach air deoch-uisge 02:01=Theich %1 dhan bhunait dhìomhair fon uisge 02:01=Bha %1 deidheil air tumadh an-riamh 02:01=Bha %1 den bheachd gur e amar-snàmh a tha sa mhuir 02:01=Chaidh %1 gu freumhan tàrmachadh a gnè 02:01=’S fhearr le %1 uisge seach adhar ; Round starts 02:02=Dèanamaid sabaid! 02:02=Astas air lagh! 02:02=Deiseil is deònach? 02:02=Tòisicheamaid! 02:02=A bheil thu deònach orra? 02:02=Buannaichidh a’ ghràineag as seasmhaiche 02:02=Siuthadaibh! 02:02=Dèan deas! 02:02=Ullaich! 02:02=Thòisich e… 02:02=Gabh orra! 02:02=Fàilte gu Hedgewars 02:02=Fàilte gu toiseach an airm 02:02=Mill do nàimhdean! 02:02=Gum buannaich a’ ghràineag as fhearr 02:02=Buaidh no bàs 02:02=Gheibh am fear a bhuannaicheas an creach 02:02=Chan fhaod sinn call 02:02=Dèan cogadh! 02:02=Hedgewars, ’ga thoirt dhut le Hedgewars.org 02:02=Gura math a thèid leat is gabh tlachd! 02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Tiyuri 02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh unC0Rr 02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Nemo 02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Smaxx 02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Jessor 02:02=Cuir do shaothair uile an cleachdadh ri gnìomh! 02:02=Nì an fheadhainn a chailleas an sgioblachadh! 02:02=Tòisicheamaid air blàr cliùiteach 02:02=Gun tòisich cath an linn 02:02=Gun tòisich cath an deicheid 02:02=Gun tòisich cath a’ bhliadhna 02:02=Gun tòisich cath a’ mhìosa 02:02=Gun tòisich cath na seachdaine 02:02=Gun tòisich cath an latha 02:02=Gun tòisich cath na h-uarach 02:02=Dèan do dhìcheall! 02:02=Sgrios an nàmhaid! 02:02=Gura math a thèid leat 02:02=Gabh tlachd 02:02=Dèan sabaid mhath 02:02=Dèan sabaid shuarach 02:02=Dèan sabaid onarach 02:02=Na gèill 02:02=Na gèill gu bhràth 02:02=Mill iad! 02:02=Cuir an sìneadh orra! 02:02=A bheil thu deònach air beagan spòrs? 02:02=Tiugainn! 02:02=A ghràineagan, air adhart! 02:02=Thoiribh dhàsan e! 02:02=Na bhiodh an t-eagal ort! 02:02=Bi dàna is ceannsaich ; Round ends and a team (%1) wins 02:03=Bhuannaich %1! 02:03=Is %1 an gaisgeach! 02:03=Choisinn %1 buaidh! 02:03=Sheall %1 dha na h-uile duine mar a bhuannaicheas tu 02:03=Tha %1 nas fhearr na càch 02:03=Tha %1 a’ comharrachadh a’ bhuannachd 02:03=Fhuair %1 buaidh! 02:03=Agus ’ s e %1 a bhuannaich 02:03=Meal a naidheachd, bhuannaich %1! 02:03=Gach urram dha %1 02:03=Tha %1 ’na sheann-eòlaiche 02:03=Bhuannaich %1 am blàr 02:03=Chaidh an latha le %1 gu h-iongantach 02:03=Is %1 an cluicheadair nas fhearr! 02:03=Sin thu fhèin, %1! 02:03=Abair thusa gu bheil %1 math air seo 02:03=Bualadh bhasan dha %1! 02:03=H-abair buannachd, %1! 02:03=Mhill %1 an nàmhaid 02:03=Cheannsaich %1 an nàmhaid 02:03=Chreach %1 an nàmhaid ; Round ends in a draw 02:04=Cuairt ionnann 02:04=Cha do bhuannaich sgioba thar càich 02:04=Uill, chan eil an toradh seo uabhasach inntinneach 02:04=Cuairt ionnann! feumaidh sinn tòiseachadh a-rithist a-nis… 02:04=Cuairt ionnann, abair briseadh-dùil! 02:04=Cuairt ionnann. Rinn a h-uile gràineag sabaid dhàna 02:04=Iochd! Na can rium nach do bhuannaich gràineag! 02:04=Cà deach na gràineagan uile? 02:04=Ràsanach! Tha mi ag iarraidh ath-dhìoladh 02:04=Bhàsaich a h-uile gràineag. Glè mhath! ; New health crate 02:05=Tha cobhair a’ tighinn! 02:05=Lighiche! 02:05=Ciad-fhuasgladh o na speuran! 02:05=Seo pacaid slàinte dhut 02:05=Slàinte mhath… ann am bogsa! 02:05=Tha lighiche a’ tadhal ort 02:05=Plàstairean ùra! 02:05=Bidh thu a’ faireachdainn nas fhearr a dh’aithghearr 02:05=A Hi-Potion! Whoops, wrong game 02:05=Beagan spionnadh ort! 02:05=Tog e 02:05=Mias fhallain 02:05=Leigheas dhan phian 02:05=Chan eil dòs iomchaidh ann ach an t-uiread a gheibh thu greim air! 02:05=Lìbhrigeadh èiginneach 02:05=Stòrasan! ; New ammo crate 02:06=Barrachd airm! 02:06=Foirlionadh! 02:06=Loisgeamaid orra! 02:06=Saoil dè an t-arm a tha ’na bhroinn? 02:06=Stòras! 02:06=Saoil dè th’ ann? 02:06=Thàinig an Nollaig tràth ann an Hedgewars 02:06=Seo tìodhlac dhut! 02:06=Lìbhrigeadh sònraichte! 02:06=Abair dragh a chur a’ chusbainn oirnn 02:06=Dèideagan millteach on speur 02:06=Rabhadh! Susbaint luaineach 02:06=Tog no spreadh e a-rèir do thoil 02:06=Math math! 02:06=Connadh cunnartach 02:06=Bogsa dhe chumhachd millteach 02:06=Post-adhair! 02:06=Ge b’ e dè tha sa bhogsa ud, chan e ceann-cropaig a th’ ann 02:06=Faigh e! 02:06=Tha airm a’ tighinn 02:06=Nach fhaigheadh an nàmhaid greim air siud! 02:06=Dèideagan ùra gleansach! 02:06=Bogsa dìomhair! ; New utility crate 02:07=Àm nan acainnean! 02:07=Bidh seo feumail gun teagamh… 02:07=Goireasan! 02:07=Cuir am bogsa seo gu feum 02:07=Thoir an aire gu h-ìosal 02:07=Barrachd goireasan! 02:07=Acainnean dhut! 02:07=Feumaidh gu bheil seo math! 02:07=Cleachd seo gu glic ; Hog (%1) skips his turn 02:08=Abair thusa gu bheil %1 ràsanach… 02:08=Tha %1 coma 02:08=Tha %1 ’na ghraineag leisg 02:08=Chan eil beachd aig %1 02:08=Ghèill %1 02:08=Thoir an aire no caillidh tu, %1 02:08=Tha %1 na leisgear 02:08=Tha %1 cho leisg ri cù na sitig 02:08=Tha beagan brosnachaidh a dhìth air %1 02:08=Tha %1 ’na shìochantair 02:08=Tha %1 a’ leigeil anail 02:08=Tha %1 a’ gabhail fois 02:08=Tha %1 air a s(h)ocair 02:08=Chan eil misneachd aig %1 02:08=Chuir %1 roimhe gun a bhith a’ dèanamh dad 02:08=Tha %1 an dùil gun dèan an nàmhaid sgrios air fhèin 02:08=Chan eil %1 dèidheil air hòrò-gheallaidh 02:08=Tha %1 ’ga f(h)alach 02:08=Cha do ghabh %1 an cothrom seo 02:08=Shaoil %1… gun a bhith a’ dèanamh dad 02:08=’S e buigean a th’ ann an %1 02:08=Is gealltair %1 02:08=Ghabh %1 eagal 02:08=’S e gealtair a th’ ann an %1! 02:08=Tha %1 a’ feitheamh air a’ bhàs obainn 02:08=Cha toil le %1 sabaid 02:08=Chan eil %1 cinnteach carson a tha e beò 02:08=Cha robh amas aig %1 a-riamh 02:08=Cha robh %1 airson gabhail san arm co-dhiù 02:08=Sguir dhe bhith a’ caitheamh ar n-ùine, %1 02:08=I'm disappointed in you, %1 02:08=Come on, you can do better than that, %1 02:08=Chaill %1 a mhisneachd 02:08=Saoil a bheil an aire aig %1 air rudan nas inntinniche? 02:08=Tha %1 chun a bhith gòrach leis an eagal 02:08=Thuit %1 ’na chadal ; Hog (%1) hurts himself only 02:09=Chan eil amas math aig %1! 02:09=Tha coltas gur lugha air %1 e fhèin 02:09=Sheas %1 air an taobh chearr! 02:09=Saoil a bheil %1 ri fèin-mhurt? 02:09=Fhuair %1 greim air taobh cearr an airm 02:09=Is %1 an gille crùbaich as a’ ghleann 02:09=Is toigh le %1 pian 02:09=Tha %1 coma mu mhairsinn beò 02:09=Rinn %1 bùrach dheth 02:09=Rinn %1 tòn dheth 02:09=Abair droch amas a bh’ agad, %1 02:09=Tha %1 caran mì-chùramach a thaobh airm chunnartach 02:09=Saoil am bhiodh dreuchd eile a’ tighinn air %1? 02:09=Abair thusa gun robh sin uabhasach dona! 02:09=Obh ob %1 a sheòid, ’s ann air an nàmhaid a dh’fheumas tu losgadh! 02:09=Cha bu chòir dha %1 milleadh ach an nàmhaid 02:09=Tha am fèin-mhurt gu bhith tighinn air %1 02:09=Thug %1 cobhair dhan nàmhaid 02:09=That was stupid, %1 02:09=Tha %1 dhen bheachd nach dèanar math gun mhulad 02:09=Tha %1 troimhe chèile 02:09=%1 hurts itself in its confusion 02:09=Tha %1 math air a nàrachadh fhèin 02:09=’S e crògaire a th’ ann an %1! 02:09=Tha %1 slibist 02:09=Sheall %1 dhan nàmhaid dè na comasan a th’ air 02:09=Chan urrainn dha %1 bhith foirfe gach turas 02:09=Na gabh dragh %1 gu bheil thu ’nad amadan 02:09=’S ann air aona-ghnothach a rinn %1 seo 02:09=Cha chan mi guth mus can thu fhèin, %1 02:09=Abair nàire! 02:09=I'm sure nobody saw that, %1 02:09=Tha %1 feumach air barrachd oideachaidh 02:09=Tha e follaiseach gun deach rudeigin cearr leis an arm aig %1 ; Home run: Hog (%1) uses baseball bat to throw other hog far out of the left/right map bounds 02:10=A’ seòladh nan neul! 02:10=Seallaibh na dh’èirich air … 02:10=Mach, mach! 02:10=Cà deach e? 02:10=Suas suas! 02:10=Cò bheachdaich nach eil comas sgiathaidh air gràineagan? 02:10=Chaidh e a-mach à sealladh 02:10=Oich! Feumaidh gun robh sin goirt 02:10=Seo brosnachadh dhut, %1! 02:10=Abair sàr-chuimseadh! 02:10=Tha seo airidh air clàr nan curaidh! 02:10=Tha %1 ag ionnsachadh sgiathadh dha na gràineagan! ; Hog (%1) has to leave (team is gone) 02:11=Feumaidh %1 a dhol innte! 02:11=Tha %1 ro thrang airson cluiche 02:11=Chaidh %1 air chall! 02:11=Feumaidh %1 falbh ; Hog (%1) was poisoned 02:12=Tha %1 bochd 02:12=Chan eil coltas math air %1 02:12=Tha %1 feumach air lighiche 02:12=Tha droch-phuinnseanachadh air %1 02:12=Tha %1 an-shocair 02:12=Tha %1 a’ fulang o chogadh ceimigeach 02:12=Tha dreach mì-fhallain air craiceann %1 02:12=Dhìochuimhnich %1 na beòthamanan 02:12=Tha pian ann am brù %1 02:12=Chan eil coltas fallain air %1 02:12=Bu toigh le %1 dol dhan ospadal 02:12=Tha fìor dhroch fhàileadh a’ tighinn à %1 02:12=’Eil thu ceart gu leòr, %1? 02:12=Tha %1 a’ fulang call na slàinte 02:12=Cha do ghabh %1 urchasg 02:12=Tha am fiabhras air %1 ; Hog (%1) was resurrected by the Resurrector utility 02:13=Chaidh %1 aiseirigh 02:13=Thill %1 – dhan ifrinn! 02:13=Fhuair %1 cothrom eile 02:13=Tha %1 beò a-rithist 02:13=Thill %1 o na mairbh 02:13=Chaidh %1 ’na chorp coisiche 02:13=Rugadh %1 às ùr 02:13=Tha %1 nas beothaile na bha a-riamh 02:13=Cheannsaich %1 am bàs 02:13=Thill %1 on taobh eile Oidhche Shamhna 02:13=Fhuair %1 cothrom eile air bhith beò 02:13=Tha %1 slàn fallainn a-rithist 02:13=Tha %1 ana-bheò a-rithist 02:13=Tha %1 ’nar measg a-rithist 02:13=Tha an t-iongnadh air %1 bu bheil i beò 02:13=Fhuair %1 spionnadh mòr ; Hog (%1) explodes after an kamikaze attack 02:14=Fhuair %1 bàs onarach 02:14=Fhuair %1 bàs dàna 02:14=Cuimhnichibh %1 gu buan 02:14=Soraidh slàn dha %1 – abair gaisgeach! 02:14=Tha %1 a’ sabaid le onair ; Hog (%1) returned from time-travel with the time box ; These texts are intentionally kept simple and clear to not confuse the player 02:15=Thill %1 o àm eile 02:15=Chòrd an linn eile ri %1 02:15=Tha %1 a’ fàgail am bogsa ama 02:15=Thàinig am bogsa ama aig %1 02:15=Thill %1 dha ’r linn 02:15=Fàilte air ais dhan àm againne, %1! 02:15=Ràinig %1 an t-àm làithreach ; Hog (%1) runs out of turn time (not shown in infinite attack mode) 02:16=Bha %1 ro shlaodach 02:16=Cha do chum %1 sùil air an uaireadair 02:16=Tha %1 nas maille na seilcheag 02:16=Tha %1 sgìth 02:16=Dhìochuimhnich %1 ionnsaigh a thoirt 02:16=Bha %1 an impis sàr-bhuille a thoirt. Air m’ fhacal! 02:16=Cha bhodraig %1 le àm 02:16=Chan eil a’ chabhag air %1 02:16=Bha barrachd ùine a dhìth air %1 02:16=Bhiodh diog no dhà eile gu feum dha %1 02:16=Dh’fhalbh an ùine ort, %1! 02:16=Tha %1 air deagh-chothrom a chall 02:16=Chan fhaigh %1 moladh airson a snas 02:16=Cha bhuannaicheadh %1 sna geamannan Gàidhealach 02:16=Beachdaich nas luaithe, %1! 02:16=’S e mealladh-dòchais a th’ annad, %1! ; King (%1) has died 02:17=O choin a rìgh dha %1 02:17=Chan eil %1 ’nar measg tuilleadh 02:17=Cha dhùisg rìgh %1 02:17=Bha %1 ’na aintighearna co-dhiù 02:17=Fhuair sinn cuidhteas dhe %1 mu dheireadh thall! 02:17=Cha riaghlaich %1 sinn tuilleadh 02:17=Seo deireadh dìleab rìoghail %1 02:17=Chaidh %1 a cheannsachadh! 02:17=Tha an sgioba caillte gun stiùireadh %1 02:17=Chan eil coltas glè mhòrail air %1 tuilleadh 02:17=Tha an rìoghachd a’ caoidh %1 02:17=Fhuair %1 bàs rìgh dhìlis 02:17=Cha dhùisg %1 02:17=Cha rìgh %1 tuilleadh 02:17=Chaidh %1 a chur far na cathrach 02:17=Cha riaghlaidh %1 tuilleadh 02:17=Fhuair %1 bàs mar a fhuair an rìoghachd ; Weapon Categories 03:00=Durcan-spreadhaidh le tìmear 03:01=Durcan-spreadhaidh le tìmear 03:02=Arm tilgeil 03:03=Arm stiùirichte 03:04=Gunna (iomadh losgadh) 03:05=Acainn tochlaidh 03:06=Gnìomh 03:07=Goireas siubhail 03:08=Boma fagasachd 03:09=Gunna (iomadh losgadh) 03:10=DÙD! 03:11=Buille! 03:12=Ealain còmhraige 03:13=GUN CHLEACHDADH 03:14=Goireas siubhail 03:15=Ionnsaigh adhair 03:16=Ionnsaigh adhair 03:17=Acainn tochlaidh 03:18=Goireas 03:19=Goireas siubhail 03:20=Gnìomh 03:21=Arm tilgeil 03:22=Can Indiana rium! 03:23=Fìor-ealain còmhraige 03:24=Chan e breug a tha sa chèic seo! 03:25=Arm tarraingeach 03:26=Durcan-spreadhaidh sùghach 03:27=Durcan-spreadhaidh teinnteach 03:28=Arm tilgeil 03:29=Arm tilgeil 03:30=Ionnsaigh adhair 03:31=Boma le smachd chèin 03:32=Buil shealach 03:33=Buil shealach 03:34=Buil shealach 03:35=Buil shealach 03:36=Buil shealach 03:37=Buil shealach 03:38=Gunna (iomadh losgadh) 03:39=Goireas siubhail 03:40=Durcan-spreadhaidh losgaidh 03:41=Glè dhèidheil air sgreuchail 03:42=Gabhaidh mi nòta… ; the misspelled "Beethoven" is intentional (-> to beat) 03:43=Seinnidh e marbhrann 03:44=Best before: 1923 03:45=Cumhachd an t-saidheins 03:46=Teth teth teth! 03:47=Steig àiteigin feumail i! 03:48=Cead òrd a bhualadh air bàirnich 03:49=’S ann gun ifrinn a thilleas na mairbh! 03:50=Dèidheil air famhan 03:51=Lorg sinn e air an làr 03:52=GUN CHLEACHDADH 03:53=Seòrsa 40 03:54=Goireas 03:55=Chan fhàs i nas fhionnaire na seo! 03:56=Dèan cleachdadh no droch chleachdadh 03:57=Goireas 03:58=Boma fagasachd air fhleòd 03:59=Arm neo-choileanta 03:60=An t-arm losgaidh as fhearr ; Weapon Descriptions (use | as line breaks) 04:00=Thoir ionnsaigh air na nàimhdean agad le durcan-spreadhaidh simplidh.|Spreadhaidh e nuair a ruigeas an tìmear aige neoni.|1-5: Suidhich tìmear an durcain|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart 04:01=Thoir ionnsaigh air na nàimhdean agad le boma sgapaidh.|Thèid a sgapadh ’na bomaichean beaga nuair a ruigeas|an tìmear aige neoni.|1-5: Suidhich tìmear a’ bhoma|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart 04:02=Thoir ionnsaigh air do nàimhdean le pròiseactal-tilgidh|air an dig buaidh na gaoithe ma dh’fhaoidte.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart 04:03=Cuir seillean spreadhach gu dol a nì lorg air an amas a thagh thu.|Na loisg le làn-chumhachd e gus am bidh e nas pongaile.|Cùrsair: Tagh an t-amas|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart 04:04=Thoir ionnsaigh air an nàmhaid agad le gunna-froise|a ghabhas losgadh dà thuras. Ri linn an sgapaidh,|cha leig thu leas a bhith pongail gus cron a dhèanamh|air na nàimhdean agad.|Ionnsaigh: Loisg (iomadh turas) 04:05=Gluais fon talamh! Cleachd piocaid ’s òrd gus toll san talamh|a dhriligeadh agus raointean eile a ruigsinn.|Ionnsaigh: Tòisich no cuir stad air tochladh|Clì/Deas: Gluais rè an driligidh 04:06=A bheil thu seachd searbh?|Gun dòigh gus ionnsaigh a thoirt?|Airson an connadh agad a shàbhaladh?|Chan eil seo ’na dhuilgheadas!|Nach leig thu seachad a’ chuairt agad, a ghealtair?|Ionnsaigh: Leig seachad a’ chuairt agad gun sabaid 04:07=Rach astar mòr a’ tilgeadh an ròpa gu sgileil. Cleachd an rot agad gus leum air|gràineagan eile no leig às durcain-spreadhaidh is airm eile orra.|Ionnsaigh: Tilg no leig às an ròpa|Clì/Deas/Suas/Sìos: Luaisg,, leudaich no giorraich an ròpa|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no arm coltach ris 04:08=Cum na nàimhdean air falbh ’s tu a’ leigeil mèinn am badeigin|cumhang no dìreach fon chasan.|Dèan cinnteach gun cùlaich thu air eagal gun spreidh thu fhèin i!|Ionnsaigh: Leig às a’ mhèinn ri taobh do chois|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart bocadaich na mèinne 04:09=Nach eil thu math air amas? Cleachd iolaire an fhàsaich|gus ionnsaigh a thoirt le suas ri ceithir losgaidhean.|Ionnsaigh: Loisg (iomadh turas) 04:10=Nì ainneart a’ chùis gu tric. Leig às an stuth-spreadhaidh|clasaigeach seo ri taobh do nàimhdean agus cùlaich.|Ionnsaigh: Leig às dineamait ri taobh do chois 04:11=Thoir slaic air gràineagan eile le bata gus an dèid iad|thar oir a’ mhapa no dhan uisge.|No am put thu mèinnean cha na caraidean agad?|Ionnsaigh: Buail le bata air a h-uile càil air do bheulaibh 04:12=Thig faisg air do nàimhdean le cumhachd an ealain|còmhraige seo a tha caran marbhtach.|Ionnsaigh: Dèan Shoryuken iongantach. 04:13=GUN CHLEACHDADH 04:14=Nach toigh leat an àirde? Faigh greim air paraisiut. Thèid a neo-phasgadh gu|fèin-obrachail nuair a thuiteas tu ro fhada agus sàbhailidh e do ghràineag|o dhochann tuiteim.|Ionnsaigh: Neo-phaisg no cuir à comas am paraisiut a làimh|Clì/Deas/Suas/Sìos: Stiùirich far an sgiathaich thu|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no arm coltach ris 04:15=Iarr itealan a bheir ionnsaigh air na nàimhdean agad|le bomaichean.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais 04:16=Iarr itealan leigeas às bomaichean san raon-amais.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais 04:17=A bheil thu feumach air fasgadh? Cleachd an lòchran gus|tunail a thochladh san talamh a bheir fasgadh dhut.|Ionnsaigh: Tòisich air no sgur dhen tochladh|Suas/Sìos: Atharraich comhair an tochlaidh ; 04:18=Need additional protection or want to pass|impassable ground? Place some girders as you|like.|Left/Right: Select girder to place|Cursor: Place girder in a valid position 04:19=Ma chleachdas tu aig an àm cheart e, faodaidh tele-phortadh a bhith nas|cumhachdaiche na cha mhòr arm sam bith on a leigeas e leat gràineag|a shàbhaladh o shuidheachadh cunnartach ann an tiotag.|Cùrsair: Tagh raon amais|clì/Deas: Tagh comhair na h-aghaidh 04:20=Leigidh seo leat a’ chuairt làithreach a ghabhail le gràineag eile.|Ionnsaigh: Cuir atharrachadh ghràineagan an comas|Dèan suids: Tagh an ath-ghràineag|Amas pongail + Dèan suids: Tagh a’ ghràineag roimhpe 04:21=Loisg astas a sgaoileas iomadh peilear nuair a bhuaileas e.|Thèid na peilearan a thilgeil air ais agus tha iad nas|cunnartaiche na am prìomh-pheilear.|Ionnsaigh: Loisg le làn-chumhachd 04:22=Chan eil seo gu feum dha Indiana Jones a-mhàin!|’S e arm feumail a tha sa chuip ann an iomadh suidheachadh.|Gu h-àraidh nuair a bhios tu airson cuideigin a bhrùthadh far chreag.|Ionnsaigh: Buail air a h-uile càil air do bheulaibh 04:23=Mur eil dòchas eile ann tuilleadh, faodaidh seo a bhith goireasach gu leòr.|Dèan ìobairt dhe do ghràineag agus tilg i an comhair shònraichte gus|dochann a dhèanamh air càil sam bith ’na rathad.|Spreidhidh i air an deireadh.|Ionnsaigh: Thoir ionnsaigh sgriosail mharbhtach 04:24=Co-là breith sona dhut! Cuir a’ chèic seo gu dol ach an dèid i gu|taobh do nàimhdean ach am bi hòro-gheallaidh spreadhach aca.|Gheibh a’ chèic thar cha mhòr tìr sam bith ach dh’fhaoidte gun|spreidh i nas tràithe mar sin.|Ionnsaigh: Cuir a’ chèic gu dol no cuir stad is spreadhadh oirre ; 04:25=With this costume kit your hog becomes irresistibly|attractive and makes nearby hogs jump in blind love|towards it (and into some gap or hole). The seduction is|so heartwarming, it even breaks the ice of frozen hogs.|Attack: Use the irresistible seduction 04:26=Tilg a’ mheal-bhuc sùghail (is sgeingeach) air na nàimhdean. Nuair a dh’fhalbhas an ùine air an tìmear, thèid a sgapadh ’na bomaichean beaga.|1-5: Suidhich tìmear na meal-bhuic|Ionnsaigh: Cum sìos gus a tilgeil le barrachd neart 04:27=Dòirt teine ifrinneach air do nàimhdean leis an stuth-spreadhaidh mallaichte seo. Cum air falbh on spreadhadh on a dh’fhaodas teinntean beaga maireachdainn greis.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart 04:28=Greis às dèidh dhut an rocaid seo a chur gu dol, tòisichidh i|air tochladh ron làr agus spreadhaidh i nuair a thèid a fiùsa air|no nuair a ruigeas i an uachdair a-rithist.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a cur gu dol le barrachd neart 04:29=Chan eil an t-inneal seo iomchaidh dhan chlann! Loisgidh an gunna-bhàlaichean torr bhàlaichean beaga dathte a tha làn stuth-spreadhaidh.|Ionnsaigh: Loisg le làn-neart|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas 04:30=Iarr itealan a bheir ionnsaigh cumhachdach le napalm.|Leis an amas cheart, millidh an ionnsaigh seo raon mòr|dhen talamh, a’ gabhail a-steach nan gràineagan mì-fhortanach|a tha ’nan seasamh ann.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais ; 04:31=The RC plane is the ideal weapon to collect crates or|attack far away hogs. Either steer it into enemies or|drop some bombs first.|Attack: Launch the plane or drop bombs|Long Jump: Let the Valkyries ride into battle|Left/Right: Steer the plane 04:32=Tha iom-tharraing ìosal nas èifeachdaiche na daithead sam bith! Leum nas àirde is nas fhaide no tilg na nàimhdean agad nas fhaide.|Ionnsaigh: Gnìomhaich 04:33=Aig amannan, chan eil a dhìth ort ach beagan dochainn a bharrachd. Ma ghnìomhaicheas tu seo, thèid 50% a chur ris an dochann gu deireadh na cuairte.|Ionnsaigh: Gnìomhaich 04:34=Chan fhulaing thu dochann gu deireadh do chuairt. Na bi ro bhragail co-dhiù on a ghabhas do bhàthadh fhathast.|Ionnsaigh: Gnìomhaich 04:35=Faodaidh gum falbh an ùine ort ro luath.|Faigh 30 diog a bharrachd gus an ionnsaigh agad a thoirt gu buil.|Ionnsaigh: Gnìomhaich 04:36=Uill, nach eil sgilean amais a dhìth ort? Faigh beagan taice le teicneolas ùr-nòsach.|Ionnsaigh: Gnìomhaich 04:37=Na cuireadh solas an latha an t-eagal ort! Cha mhair e ach cuairt agus sùghaidh tu 80% dhen dochann a dh’fhulaingeas na gràineagan eile.|Ionnsaigh: Gnìomhaich 04:38=Faodaidh an isneach fàtha a bhith ’na arm as milltiche san arm-lann agad|ach chan eil i èifeachdach idir ma tha an t-amas faisg ort.|Mar as fhaide air falbh an t-amas ’s ann as motha a bhios an dochann a nì i.|Tha i doirbh tomhadh, mar sin feumaidh tu fuireach far a bheil thu fhad ’s a|bhios an t-arm seo an gnìomh.|Ionnsaigh: Gnìomhaich am fradharc-leusair agus loisg an uairsin (dà thuras)|Clì/Deas: Tionndaidh an chomhair do chùil (eadar dà losgadh) 04:39=Sgiathaich gu sgìre eile a’ mhapa leis an t-soitheach-itealaich. Bheir an goireas seo|a tha doirbh làimhseachadh cha mhòr gu àite sam bith air a’ bhlàr thu.|Ionnsaigh: Gnìomhaich/Cuir à gnìomh|Cuas/Clì/Deas: Luathachadh goirid dhan chomhair sin|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no airm coltach riutha|Amas pongail + leum fada: Tilg arm dhan chrois-ribe|Amas pongail + Suas/Sìos: Gleus an tomhadh 04:40=Cuir teine air an làr leis a’ bhotal seo a tha làn lionna|a loisgeas (an ceann greis).|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart 04:41=Seo dearbhadh gu bheil an nàdar as cumhachdaiche na an soitheach-itealaich.|Giùlainidh an t-eunan do ghràineag mu thimcheall agus leigidh e uighean air|na nàimhdean gus am puinnseanachadh!|Bi luath on a chaitheas an t-eunan ùine na cuairte agad!|Ionnsaigh: Gnìomhaich is leig às uighean|Suas/Clì/Deas: Clap sgiathan ’na chomhair sin ; 04:42=This portable portal device is capable|of instantly transporting you, your enemies,|or your weaponry between two points on the|terrain.|Use it wisely and your campaign will be a ...|HUGE SUCCESS!|Disclaimer\: Does not work on rubber bands.|Attack: Shoot a portal|Switch: Change portal colour 04:43=Cuir an t-iongnadh air càch le do chuid ciùil!|Tuit clàrsach mòr o na speuran|a mhilleas gad rud ’na rathad ach thoir an aire:|Thèid do ghràineag ’na h-ìobairt gus an clàrsach a ghairm.|Cùrsair: Tagh raon amais|F1-F9: Seinn air a’ chlàrsach 04:44=Chan e càise a th’ ann ach cogadh bith-eòlach! Cha dèan e mòran|dochainn nuair a ruigeas an tìmear neoni ach thèid gràineag|sam bith a bheir fàileadh às a phuinnseanachadh!|1-5: Suidhich an tìmear|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart 04:45=Gheibh thu buannachd às an eòlas-nàdair mu dheireadh thall!|Cuir gu dol tonn sìneis marbhtach a loisgeas tron tìr.|Thoir an aire on a tha putadh làidir aig an arm seo.|Ionnsaigh: Loisg 04:46=Còmhdaich do nàimhdean le lasair theth.|Bheir i tiomachadh air an cridheachan!|Ionnsaigh: Gnìomhaich|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas|Clì/Deas: Gleus neart an steallaidh 04:47=Thoir an dà latha air do nàimhdean le dà mhèinn steigeach spèiceach shlìogach.|Suidhich frith-spreadhadh no dìon thu fhèin (no an dà chuid!)|Ionnsaigh: Cum sìos gus an tilgeil le barrachd neart ; 04:48=Why should the moles get all the abuse?|Whacking hogs and stuff can be just as fun!|A good blow from this hammer will shave off|one third of a hog's health (or one half with|Extra Damage) and plunge them underground.|Attack: Activate 04:49=Dèan ìobairt dhe do shlàinte gus do charaidean aiseirigh!|Ach thoir an aire gun dèid do nàimhdean aiseirigh cuideachd.|Ionnsaigh: Cum sìos gus an aiseirigh gu slaodach|Suas: Luathaich an aiseirigh 04:50=A bheil cuideigin ’na fhalach fon talamh?|Thoir dhan uachdar iad le buille tochlaidh!|Stiùirichidh an tìmear dè cho domhainn ’s a thochlas e.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|1-5: Suidhich an tìmear|Cùrsair: Tagh raon amais 04:51=Faigh losgadh an-asgaidh ’s tu a’ tilgeil bàla puill.|Cha dèan e dochann ach putaidh e gràineagan is nithean.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart 04:52=GUN CHLEACHDADH ; 04:53=Take a trip through time and space,|while leaving your comrades to fight on alone.|Be prepared to return at any time,|or for Sudden Death or if they are all defeated.|Disclaimer\: Does not function in Sudden Death,|if you are alone, or if you are a King.|Attack: Activate 04:54=Steall sruth dhe bhleideagan steigeach.|Tog drochaidean, tòrr nàimhdean, dùin tunailean.|Thoir an aire nach cuir thu gin dheth ort fhèin!|Ionnsaigh: Gnìomhaich/Neo-ghnìomhaich|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas|clì/Deas: Gleus neart an steallaidh ; 04:55=Bring back the ice-age!|Freeze hedgehogs or objects, make the floor slippery|or save yourself from drowning by freezing the water.|Attack: Activate/Deactivate freeze ray|Up/Down: Continue aiming 04:56=Tilg dà chorc air do nàimhdean no cleachd iad gus bealaich is tunailean a bhacadh no gus sreap leotha!|Mar as luaithe iad, ’s ann as motha an sgrios a nì iad.|Thoir an aire! Tha cluich le sgian cunnartach.|Ionnsaigh: Cum sìos gus an tilgeil le barrachd neart (dà thuras) 04:57=Tog bann rubair lastaigeach sìnteach às a bhocas gràineagan is rudan eile gun a bhith|a’ fulang dochann tuiteim.|Clì/Deas: Atharraich comhair a’ bhanna rubair|Cùrsair: Cuir am bann rubair air ionad dligheach ; 04:58=This proximity bomb will float freely in the air and follow|hedgehogs careless enough to come too close to it.|Its explosion is weaker than that of the land mine, however.|Attack: Hold to shoot with more power 04:59=Chan eil an t-arm seo deiseil is e fo dheuchainn fhathast.|’S ann ortsa a bhios an cunnart ma chleachdas tu e! 04:60=Tilg fras pheilearan air do nàimhdean!|Shaoil iad gum biodh iad sàbhailte air|cùlaibh còmhdachadh trì theannadairean.|Ionnsaigh: Loisg le làn-chumhachd|Suas/Sìos: Cum a’ cuimseachadh ; Game goal strings 05:00=Modhan a’ gheama 05:01=Seo na riaghailtean a bhios an gnìomh: 05:02=Cuir an rìgh ann: Tagh ionad tòiseachaidh dìonta airson an rìgh agad 05:03=Iom-tharraing ìosal: Coisich gu cùramach! 05:04=Do-leònaidh: Tha na gràineagan (cha mhòr) do-leònta 05:05=Sùgh fala: Thèid na gràineagan a shlànachadh le 80% dhen dochann a fhuair iad 05:06=Karma: Fulaingidh na gràineagan airson an dochainn a rinn iad 05:07=Dìon an rìgh: Na leig leis an rìgh agad bàsachadh!| 05:08=Cuir ann gràineagan: Tagh ionadan nan gràineagan agad mus tòisich an geama 05:09=Làmhachas: Chan urrainn do ghràineagan coiseachd 05:10=Tìr do-mhillte: Cha mhill a’ mhòrchuid a dh’airm an tìr 05:11=Connadh co-roinnte: Co-roinnidh gach sgioba air a bheil an t-aon dath an cuid connaidh 05:12=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean às dèidh %1 diog(an) 05:13=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean sa bhad 05:14=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean às dèidh 0 – 5 diogan 05:15=Atharraichear dochainn: Nì (cha mhòr) a h-uile arm %1% a dhochann 05:16=Eiridinn: Gheibh na gràineagan slànachadh gun slàinte-thòiseachaidh aca air deireadh na cuairte 05:17=Aiseirigh IF: Thèid gràineagan nan IF ath-ghintinn nuair a gheibh iad bàs 05:18=Ionnsaighean gun chuingeachadh: Cha chuir ionnsaigh stad air a’ chuairt agad 05:19=Airm chunbhalach: Thèid na h-airm ath-shuidheachadh air deireadh na cuairte 05:20=Connadh fa leth: Cha cho-roinn na gràineagan na h-airm 05:21=Sgiabag sgioba: Gabhaidh na sgiobaidhean ann an cinneadh cuairt fear mu seach|Ùine cho-roinnte: Co-roinnidh na sgiobaidhean ann an cinneadh ùine nan cuairt 05:22=Gaoth làidir: Bidh buaidh aig a’ ghaoth air cha mhòr a h-uile rud. ; Chat command help 06:00=Liosta de dh’àitheantan bunasach na cabadaich: 06:01=/togglechat: Toglaich taisbeanadh na cabadaich 06:02=/clan : Cuir teachdaireachd gu bhuill do chinnidh a-mhàin 06:03=/me : Gnìomh sa chabadaich, mar eisimpleir, thèid “/me ag ithe ceann-cropaig” ’na “* Cluicheadair ag ithe ceann-cropaig” 06:04=/pause: Toglaich a bheil an geama ’na stad 06:05=/pause: Toglaich an dèid leuman a ghearradh gu fèin-obrachail gus nach dèid 06:06=/fullscreen: Toglaich am modh làn-sgrìn 06:07=/quit: Fàg Hedgewars 06:08=/help: Seall àitheantan bunasach na cabadaich 06:09=/help taunts: Seall àitheantan beumadh na cabadaich 06:10=/history: Toglaich taisbeanadh fada air eachdraidh na cabadaich 06:11=/lua: Toglaich parsadh Lua (dhan luchd-leasachaidh) 06:12=Liosta de dh’àitheantan beumadh na cabadaich: 06:13="teacsa": Cuir teacsa ann am builgean còmhraidh 06:14='teacsa': Cuir teacsa ann am builgean smaoineachaidh 06:15=-teacsa-: Cuir teacsa ann am builgean èigheachd 06:16=Airson nan àitheantan gu h-àrd, cuir àireamh air thoiseach teacsa airson gràineag a thaghadh. 06:17=/hsa : Cuir teacsa ann am builgean còmhraidh air an ath-ionnsaigh 06:18=/hta : Cuir teacsa ann am builgean smaoineachaidh air an ath-ionnsaigh 06:19=/hya : Cuir teacsa ann am builgean èigheachd air an ath-ionnsaigh 06:20=/hurrah: Cuir fiamh a ghàire air gràineag 06:21=/ilovelotsoflemonade: Nì gràineag mùn 06:22=/juggle: Nì gràineag cleasachd 06:23=/rollup: Roiligidh gràineag suas 06:24=/shrug: Crathaidh gràineag a gualainn 06:25=/wave: Smèididh gràineag 06:26=Àithne nach aithne dhuinn no paramadairean mì-dhligheach. Can “/help” sa chabadaich airson nan àitheantan a shealltainn.