share/hedgewars/Data/Locale/gd.txt
author Wuzzy <Wuzzy2@mail.ru>
Mon, 12 Mar 2018 02:09:21 +0100
changeset 13169 6869d27a2f3f
parent 13044 1df5b407f368
child 13640 cb0191394133
permissions -rw-r--r--
ACF7: Add one pick hammer in crate Players often reported to screw up with the pick hammer, which is quite annoying. With one pick hammer more, this mission should be slightly less annoying.

; Scottish Gaelic locale

00:00=Durcan-spreadhaidh
00:01=Boma sgapaidh
00:02=Bazooka
00:03=Seillean-amasaidh
00:04=Gunna-froise
00:05=Piocaid ’s òrd
00:06=Leig seachad
00:07=Ròpa
00:08=Mèinn
00:09=Iolaire an fhàsaich
00:10=Dineamait
00:11=Bata ball-beusa
00:12=Shoryuken
00:13=diog
00:14=Paraisiut
00:15=Ionnsaigh adhair
00:16=Buille mèinne
00:17=Lòchran
00:18=Togail
00:19=Tele-portadh
00:20=Gràineag eile
00:21=Mortar
00:22=Cuip
00:23=Kamikaze
00:24=Cèic
00:25=Suirghe
00:26=Boma meal-bhuic
00:27=Durcan-spreadhaidh ifrinneach
00:28=Rocaid tochlaidh
00:29=Gunna-bhàlaichean
00:30=Napalm
00:31=Itealan le smachd chèin
00:32=Iom-tharraing ìosal
00:33=Barrachd dhochainn
00:34=Do-leònaidh
00:35=Barrachd ùine
00:36=Fradharc leusair
00:37=Sùgh fala
00:38=Isneach fàtha
00:39=Soitheach-itealaich
00:40=Molotov Cocktail
00:41=Eunan
00:42=Tele-phortadh sgiobalta
00:43=Clàrsach mòr
00:44=Seann-chàise Limburg
00:45=Gunna sìneis
00:46=Gunna loisgidh
00:47=Mèinn steigeach
00:48=Òrd
00:49=Uidheam aiseirigh
00:50=Buille tochlaidh
00:51=Bàla puill
00:52=Gun arm
00:53=Bogsa ama
; 00:54=Structar
00:54=Stealladh tìre
00:55=Reòthadair
00:56=Corc
00:57=Bann rubair
00:58=Mèinne adhair

; 01:00=Loading …
01:01=Cuairt co-ionnann
01:02=bhuannaich %1!
01:03=Fuaim %1%
01:04=’Na stad
01:05=Fàgail dha-rìribh? (%1/%2) (Briog gus leantainn air adhart)
01:06=Bàs obann!
01:07=%1 air fhàgail
01:08=Connadh
01:09=’Ga shioncronachadh…
01:10=Ma chleachdas tu an acainn seo, chan adhbharaich seo crìoch air a’ chuairt agad!
01:11=Chan eil an t-arm no acainn seo ri làimh fhathast!
01:12=A’ chuairt mu dheireadh ron bhàs obann!
01:13=%1 c(h)uairt(ean) gun bhàs obann!
01:14=Ullaichibh, %1!
01:15=Beagan
01:16=Ìosal
01:17=Àbhaisteach
01:18=Àrd
01:19=Anabarrach
01:20=Bocadh %1
01:21=Fuaim mùchte
01:22=Modh “Air falbh on mheur-chlàr”
01:23=Camara fèin-obrachail dheth
01:24=Camara fèin-obrachail air
01:25=Brùth air a’ phutan amais gus comharra a chur ris an amas

; Event messages
; Hog (%1) died
02:00=Thilg %1 suas an deò!
02:00=Thriall %1!
02:00=Cha robh %1 an dùil air seo idir!
02:00=Thuirt %1 soraidh slàn!
02:00=Shiubhail %1 gu àite nas fhearr!
02:00=Dh’eug %1!
02:00=Cha dèan %1 greim-bàis tuilleadh!
02:00=Choilean %1 a dhleastanas!
02:00=Chaidh %1 ’na bheò-ìobairt!
02:00=Theast %1!
02:00=Chrìochnaich %1!
02:00=Dh’fhalbh an ùine air %1!
02:00=Fhuair %1 sìth bhuan!
02:00=Dh’fhàg sinn soraidh slàn aig %1!
02:00=Chuir %1 a bhean is clann air cùl
02:00=Cha tilg %1 bazooka tuilleadh
02:00=Cha tilg %1 durcan-spreadhaidh tuilleadh
02:00=Cha dèan %1 cèic tuilleadh
02:00=Cha ghabh %1 dreallag air ròp tuilleadh
02:00=Cha dèan %1 ionnsaigh-adhair tuilleadh
02:00=Cha loisg %1 gunna-froise tuilleadh
02:00=Cha tilg %1 meal-bhuc tuilleadh
02:00=Cha do mhair %1
02:00=Siud deireadh %1
02:00=Bu mhath le %1 creat slàinte
02:00=Dh’fhalbh %1 gus geama nas fhearr a chluich
02:00=Thàinig an latha a bheir %1 suas
02:00=Cha deach an latha le %1
02:00=%1 a thruaghain …
02:00=Tha %1 dheth
02:00=Bhac %1 peilearan le aodann
02:00=Tha %1 ’na shàr-ghaisgeach am measg nan daoi… gràineagan
02:00=Sheòl %1 gu Tìr nan Òg
02:00=Dh’fhalbh %1
02:00=Lean %1 air na dìneasaran
02:00=Saoil an adhbharaich %1 gun tèid gràineagan à bith?
02:00=Tha sinn a’ caoineadh %1
02:00=Chaidh %1 gu clos
02:00=Sheòl %1 an caolas
02:00=Chaidh %1 a dhìth
02:00=Can mar sin leat ri %1
02:00=Chan eil dòchas air %1 tuilleadh
02:00=Dh’eugnaich %1
02:00=Chan eil %1 ann tuilleadh
02:00=Thàinig ceal air %1
02:00=Chaochail %1
02:00=Tha %1 cho marbh ri sgadan
02:00=Chan eil %1 ann tuilleadh
02:00=Theirig %1
02:00=Fois shìorraidh gun robh aig anam %1
02:00=Chaidh %1 a mhùthadh
02:00=Tha %1 ullamh!
02:00=Cha tàinig ri %1 gun losgte air
02:00=Bu mhath le %1 beatha a bharrachd
02:00=A bheil lighiche ann?

; Hog (%1) drowned
02:01=Tha %1 a’ cluich le bàta-tumaidh!
02:01=Chuir %1 dreach na Titanic air!
02:01=Rinn %1 snàmh mar chlach!
02:01=Tha %1 a’ fleòdradh mar bhreige!
02:01=Tha %1 a’ toirt sùil air a’ cheann dhomhain
02:01=Tha %1 a’ dèanamh glug glug glug
02:01=Tha %1 a’ plubadh
02:01=Dhìochuimhnich %1 na bannan-gàirdein
02:01=B’ fheairrde %1 snàmh ionnsachadh
02:01=Dh’fhàg %1 am bòrd-surfaidh aig an taigh
02:01=Chaidh %1 a sguabadh air falbh leis a’ mhuir
02:01=Tha %1 cho fliuch ris a’ mhuc eile
02:01=Cha do chuir %1 seacaid-teasairginn air
02:01=Tha %1 a’ dèanamh slub-slab
02:01=Tha %1 ’na chadal leis na h-èisg
02:01=Chan eil %1 dèidheil air fiosaigeachd an uisge sa gheama seo
02:01=Tha coltas a’ phathaidh aig %1
02:01=Shiubhail %1 sa mhuir
02:01=Chair %1 air chall air fairge
02:01=Cha dug %1 uidheamachd daoibhigidh leis
02:01=Chaidh %1 adhlacadh aig muir
02:01=Chaith %1 an cuan
02:01=Tha %1 a’ feuchainn ri snàmh-droma ionnsachadh
02:01=Chaidh %1 an toir air a’ Titanic
02:01=Cha deach le %1 coiseachd air a’ mhuir
02:01=Tha %1 a’ lorg Nemo
02:01=Fhuair %1 a mhuir
02:01=Saoil co mheud gràineag a tha shìos an-siud?
02:01=Rinn %1 a’ mhuir beagan nas àirde
02:01=Cha deach %1 air a’ chabhlach
02:01=Chuir %1 dreach an èisg mhairbh air
02:01= Tha %1 a’ sgrùdadh grunnd na fairge
02:01=Rinn %1 buille gun snàmh
02:01=Chaidh %1 ithe le beul na mara
02:01=Tha %1 a’ coiseachd fon mhuir
02:01=Lorg %1 baile caillte Atlantis
02:01=Chan eil %1 math air plubraich
02:01=Riaslaich %1 an cuan
02:01=Bhuail %1 air a’ mhuir
02:01=Chan eil builgeadh math dha %1
02:01=Tha %1 gann a ràth
02:01=Tha %1 dhen bheachd gu bheil sàl math airson a’ chraicinn
02:01=Fhuair %1 sàl ’na lotan
02:01=Chaidh %1 air a cheann dìreach a-mach air a’ mhuir
02:01=Ghabh %1 amar
02:01=Tha %1 fliuch bàithte
02:01=Tha %1 cho fliuch ri iasg
02:01=Leig %1 e fhèin sìos dhan ghrunnd

; Round starts
02:02=Dèanamaid sabaid!
02:02=Astas air lagh!
02:02=Deiseil is deònach?
02:02=Tòisicheamaid!
02:02=A bheil thu deònach orra?
02:02=Buannaichidh a’ ghràineag as seasmhaiche
02:02=Siuthadaibh!
02:02=Dèan deas!
02:02=Ullaich!
02:02=Thòisich e…
02:02=Gabh orra!
02:02=Fàilte gu Hedgewars
02:02=Fàilte gu toiseach an airm
02:02=Mill do nàimhdean!
02:02=Gum buannaich a’ ghràineag as fhearr
02:02=Buaidh no bàs
02:02=Gheibh am fear a bhuannaicheas an creach
02:02=Chan fhaod sinn call
02:02=Dèan cogadh!
02:02=Hedgewars, ’ga thoirt dhut le Hedgewars.org
02:02=Gura math a thèid leat ’s gabh tlachd!
02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Tiyuri
02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh unC0Rr
02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Nemo
02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Smaxx
02:02=Nach math dhut nach eil thu a’ sabaid an aghaidh Jessor
02:02=Cuir do shaothair uile an cleachdadh ri gnìomh!
02:02=Nì an fheadhainn a chailleas an sgioblachadh!
02:02=Feumaidh tu sabaid mus tog thu an creach
02:02=Gun tòisich cath an linn
02:02=Gun tòisich cath an deicheid
02:02=Gun tòisich cath a’ bhliadhna
02:02=Gun tòisich cath a’ mhìosa
02:02=Gun tòisich cath na seachdaine
02:02=Gun tòisich cath an latha
02:02=Gun tòisich cath na h-uarach
02:02=Dèan do dhìcheall!
02:02=Sgrios an nàmhaid!
02:02=Gura math a thèid leat
02:02=Gabh tlachd
02:02=Dèan sabaid mhath
02:02=Dèan sabaid shuarach
02:02=Dèan sabaid onarach
02:02=Na gèill
02:02=Na gèill gu bhràth
02:02=Mill iad!
02:02=Cuir an sìneadh orra!
02:02=A bheil thu deònach air beagan spòrs?
02:02=Tiugainn!
02:02=A ghràineagan, air adhart!
02:02=Thoiribh dhàsan e!
02:02=Na bhiodh an t-eagal ort!
02:02=Bi dàna is ceannsaich

; Round ends (team/clan %1 wins)
; TODO: Translate the other messages from en.txt
02:03=bhuannaich %1!

; Round ends (draw)
; TODO: Translate the other messages from en.txt
02:04=Cuairt co-ionnann

; New health crate
02:05=Tha cobhair a’ tighinn!
02:05=Lighiche!
02:05=Ciad chobhair o na speuran!
02:05=Seo pacaid slàinte dhut
02:05=Slàinte mhath… ann am bogsa!
02:05=Tha lighiche a’ tadhal ort
02:05=Plàstairean ùra!
02:05=Bidh thu a’ faireachdainn nas fhearr a dh’aithghearr
02:05=Gabhaidh seo leigheas
02:05=Beagan spionnadh ort!
02:05=Tog e
02:05=Mias fhallain
02:05=Leigheas dhan phian
02:05=Chan eil dòs iomchaidh ann ach an t-uiread a gheibh thu greim air!
02:05=Lìbhrigeadh èiginneach
02:05=Stòrasan!

; New ammo crate
02:06=Barrachd airm!
02:06=Foirlionadh!
02:06=Loisgeamaid orra!
02:06=Saoil dè an t-arm a tha ’na bhroinn?
02:06=Stòras!
02:06=Saoil dè th’ ann?
02:06=Thàinig an Nollaig tràth ann an Hedgewars
02:06=Seo tìodhlac dhut!
02:06=Lìbhrigeadh sònraichte!
02:06=Abair dragh a chur a’ chusbainn oirnn
02:06=Dèideagan millteach on speur
02:06=Rabhadh! Susbaint luaineach
02:06=Tog no spreadh e a-rèir do thoil
02:06=Math math!
02:06=Connadh cunnartach
02:06=Bogsa dhe chumhachd millteach
02:06=Post-adhair!
02:06=Ge b’ e dè tha sa bhogsa ud, chan e ceann-cropaig a th’ ann
02:06=Faigh e!
02:06=Tha airm a’ tighinn
02:06=Nach fhaigheadh an nàmhaid greim air siud!
02:06=Dèideagan ùra gleansach!
02:06=Bogsa dìomhair!

; New utility crate
02:07=Àm nan acainnean!
02:07=Bidh seo feumail gun teagamh…
02:07=Goireasan!
02:07=Cuir am bogsa seo gu feum
02:07=Thoir an aire gu h-ìosal
02:07=Barrachd goireasan!
02:07=Acainnean dhut!
02:07=Feumaidh gu bheil seo math!
02:07=Cleachd seo gu glic
02:07=Abair thusa gu bheil am bogsa seo trom
02:07=Saoil am bi seo gu feum dhut?

; Hog (%1) skips his turn
02:08=Abair thusa gu bheil %1 ràsanach…
02:08=Tha %1 coma
02:08=Tha %1 ’na ghraineag leisg
02:08=Chan eil beachd aig %1
02:08=Ghèill %1
02:08=Thoir an aire no caillidh tu, %1
02:08=Tha %1 na leisgear
02:08=Tha %1 cho leisg ri cù na sitig
02:08=Tha beagan brosnachaidh a dhìth air %1
02:08=Tha %1 ’na shìochantair
02:08=Tha %1 a’ leigeil anail
02:08=Tha %1 a’ gabhail fois
02:08=Tha %1 air a s(h)ocair
02:08=Chan eil misneachd aig %1
02:08=Chuir %1 roimhe gun a bhith a’ dèanamh dad
02:08=Tha %1 an dùil gun dèan an nàmhaid sgrios air fhèin
02:08=Chan eil %1 dèidheil air hòrò-gheallaidh
02:08=Tha %1 ’ga f(h)alach
02:08=Cha do ghabh %1 an cothrom seo
02:08=Shaoil %1… gun a bhith a’ dèanamh dad
02:08=’S e buigean a th’ ann an %1
02:08=Is gealltair %1
02:08=Ghabh %1 eagal
02:08=’S e gealtair a th’ ann an %1!
02:08=Tha %1 a’ feitheamh air a’ bhàs obainn
02:08=Cha toil le %1 sabaid
02:08=Chan eil %1 cinnteach carson a tha e beò
02:08=Cha robh amas aig %1 a-riamh
02:08=Cha robh %1 airson gabhail san arm co-dhiù
02:08=Sguir dhe bhith a’ caitheamh ar n-ùine, %1
02:08=’S e briseadh-dùil a th’ annad, %1
02:08=Siuthad is dèan nas fhearr, %1!
02:08=Chaill %1 a mhisneachd
02:08=Saoil a bheil an aire aig %1 air rudan nas inntinniche?
02:08=Tha %1 chun a bhith gòrach leis an eagal
02:08=Thuit %1 ’na chadal

; Hog (%1) hurts himself only
02:09=Chan eil amas math aig %1!
02:09=Tha coltas gur lugha air %1 e fhèin
02:09=Sheas %1 air an taobh chearr!
02:09=Saoil a bheil %1 ri fèin-mhurt?
02:09=Fhuair %1 greim air taobh cearr an airm
02:09=Is %1 an gille crùbaich as a’ ghleann
02:09=Is toigh le %1 pian
02:09=Tha %1 coma mu mhairsinn beò
02:09=Rinn %1 bùrach dheth
02:09=Rinn %1 tòn dheth
02:09=Abair droch amas a bh’ agad, %1
02:09=Tha %1 caran mì-chùramach a thaobh airm chunnartach
02:09=Saoil am bhiodh dreuchd eile a’ tighinn air %1?
02:09=Abair thusa gun robh sin uabhasach dona!
02:09=Obh ob %1 a sheòid, ’s ann air an nàmhaid a dh’fheumas tu losgadh!
02:09=Cha bu chòir dha %1 milleadh ach an nàmhaid
02:09=Tha am fèin-mhurt gu bhith tighinn air %1
02:09=Thug %1 cobhair dhan nàmhaid
02:09=Nach tusa a tha gòrach, %1
02:09=Tha %1 dhen bheachd nach dèanar math gun mhulad
02:09=Tha %1 troimhe chèile
02:09=Leòin %1 e fhèin
02:09=Tha %1 math air a nàrachadh fhèin
02:09=’S e crògaire a th’ ann an %1!
02:09=Tha %1 slibist
02:09=Sheall %1 dhan nàmhaid dè na comasan a th’ air
02:09=Chan urrainn dha %1 bhith foirfe gach turas
02:09=Na gabh dragh %1 gu bheil thu ’nad amadan
02:09=’S ann air aona-ghnothach a rinn %1 seo
02:09=Cha chan mi guth mus can thu fhèin, %1
02:09=Abair nàire!
02:09=Tha mi cinnteach nach fhaca duine beò sin, %1
02:09=Tha %1 feumach air barrachd oideachaidh
02:09=Tha e follaiseach gun deach rudeigin cearr leis an arm aig %1

; Hog shot an home run (using the bat and another hog)
02:10=A’ seòladh nan neul!
02:10=Seallaibh na dh’èirich air …
02:10=Mach, mach!

; Hog (%1) has to leave (team is gone)
02:11=Feumaidh %1 a dhol innte!
02:11=Tha %1 ro thrang airson cluiche
02:11=Chaidh %1 air chall!
02:11=Feumaidh %1 falbh

; Weapon Categories
03:00=Durcan-spreadhaidh le tìmear
03:01=Durcan-spreadhaidh le tìmear
03:02=Arm tilgeil
03:03=Arm stiùirichte
03:04=Gunna (iomadh losgadh)
03:05=Acainn tochlaidh
03:06=Gnìomh
03:07=Goireas siubhail
03:08=Boma fagasachd
03:09=Gunna (iomadh losgadh)
03:10=DÙD!
03:11=Buille!
03:12=Ealain còmhraige
03:13=GUN CHLEACHDADH
03:14=Goireas siubhail
03:15=Ionnsaigh adhair
03:16=Ionnsaigh adhair
03:17=Acainn tochlaidh
03:18=Goireas
03:19=Goireas siubhail
03:20=Gnìomh
03:21=Arm tilgeil
03:22=Can Indiana rium!
03:23=Fìor-ealain còmhraige
03:24=Chan e breug a tha sa chèic seo!
03:25=Arm tarraingeach
03:26=Durcan-spreadhaidh sùghach
03:27=Durcan-spreadhaidh teinnteach
03:28=Arm tilgeil
03:29=Arm tilgeil
03:30=Ionnsaigh adhair
03:31=Boma le smachd chèin
03:32=Buil shealach
03:33=Buil shealach
03:34=Buil shealach
03:35=Buil shealach
03:36=Buil shealach
03:37=Buil shealach
03:38=Gunna (iomadh losgadh)
03:39=Goireas siubhail
03:40=Durcan-spreadhaidh losgaidh
03:41=Glè dhèidheil air sgreuchail
03:42=Gabhaidh mi nòta…
; the misspelled "Beethoven" is intentional (-> to beat)
03:43=Seinnidh e marbhrann
03:44=Best before: 1923
03:45=Cumhachd an t-saidheins
03:46=Teth teth teth!
03:47=Steig àiteigin feumail i!
03:48=Cead òrd a bhualadh air bàirnich
03:49=’S ann gun ifrinn a thilleas na mairbh!
03:50=Dèidheil air famhan
03:51=Lorg sinn e air an làr
03:52=GUN CHLEACHDADH
03:53=Seòrsa 40
;03:54=Tog rudeigin
03:54=Goireas
03:55=Chan fhàs i nas fhionnaire na seo!
03:56=Dèan cleachdadh no droch chleachdadh
03:57=Goireas
03:58=Boma fagasachd air fhleòd

; Weapon Descriptions (use | as line breaks)
04:00=Thoir ionnsaigh air na nàimhdean agad le durcan-spreadhaidh simplidh.|Spreadhaidh e nuair a ruigeas an tìmear aige neoni.|1-5: Suidhich tìmear an durcain|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
04:01=Thoir ionnsaigh air na nàimhdean agad le boma sgapaidh.|Thèid a sgapadh ’na bomaichean beaga nuair a ruigeas|an tìmear aige neoni.|1-5: Suidhich tìmear a’ bhoma|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
04:02=Thoir ionnsaigh air do nàimhdean le pròiseactal-tilgidh|air an dig buaidh na gaoithe ma dh’fhaoidte.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
04:03=Cuir seillean spreadhach gu dol a nì lorg air an amas a thagh thu.|Na loisg le làn-chumhachd e gus am bidh e nas pongaile.|Cùrsair: Tagh an t-amas|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
04:04=Thoir ionnsaigh air an nàmhaid agad le gunna-froise|a ghabhas losgadh dà thuras. Ri linn an sgapaidh,|cha leig thu leas a bhith pongail gus cron a dhèanamh|air na nàimhdean agad.|Ionnsaigh: Loisg (iomadh turas)
04:05=Gluais fon talamh! Cleachd piocaid ’s òrd gus toll san talamh|a dhriligeadh agus raointean eile a ruigsinn.|Ionnsaigh: Tòisich no cuir stad air tochladh|Clì/Deas: Gluais rè an driligidh
04:06=A bheil thu seachd searbh?|Gun dòigh gus ionnsaigh a thoirt?|Airson an connadh agad a shàbhaladh?|Chan eil seo ’na dhuilgheadas!|Nach leig thu seachad a’ chuairt agad, a ghealtair?|Ionnsaigh: Leig seachad a’ chuairt agad gun sabaid
04:07=Rach astar mòr a’ tilgeadh an ròpa gu sgileil. Cleachd an rot agad gus leum air|gràineagan eile no leig às durcain-spreadhaidh is airm eile orra.|Ionnsaigh: Tilg no leig às an ròpa|Suas/Sìos: Leudaich/Giorraich an ròpa|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no arm coltach ris
04:08=Cum na nàimhdean air falbh ’s tu a’ leigeil mèinn am badeigin|cumhang no dìreach fon chasan.|Dèan cinnteach gun cùlaich thu air eagal gun spreidh thu fhèin i!|Ionnsaigh: Leig às a’ mhèinn ri taobh do chois|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart bocadaich na mèinne
04:09=Nach eil thu math air amas? Cleachd iolaire an fhàsaich|gus ionnsaigh a thoirt le suas ri ceithir losgaidhean.|Ionnsaigh: Loisg (iomadh turas)
04:10=Nì ainneart a’ chùis gu tric. Leig às an stuth-spreadhaidh|clasaigeach seo ri taobh do nàimhdean agus cùlaich.|Ionnsaigh: Leig às dineamait ri taobh do chois
04:11=Thoir slaic air gràineagan eile le bata gus an dèid iad|thar oir a’ mhapa no dhan uisge.|No am put thu mèinnean cha na caraidean agad?|Ionnsaigh: Buail le bata air a h-uile càil air do bheulaibh
04:12=Thig faisg air do nàimhdean le cumhachd an ealain|còmhraige seo a tha caran marbhtach.|Ionnsaigh: Dèan Shoryuken iongantach.
04:13=GUN CHLEACHDADH
04:14=Nach toigh leat an àirde? Faigh greim air paraisiut. Thèid a neo-phasgadh gu|fèin-obrachail nuair a thuiteas tu ro fhada agus sàbhailidh e do ghràineag|o dhochann tuiteim.|Ionnsaigh: Neo-phaisg no cuir à comas am paraisiut a làimh|Clì/Deas/Suas/Sìos: Stiùirich far an sgiathaich thu|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no arm coltach ris
04:15=Iarr itealan a bheir ionnsaigh air na nàimhdean agad|le bomaichean.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais
04:16=Iarr itealan leigeas às bomaichean san raon-amais.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais
04:17=A bheil thu feumach air fasgadh? Cleachd an lòchran gus|tunail a thochladh san talamh a bheir fasgadh dhut.|Ionnsaigh: Tòisich air no sgur dhen tochladh|Suas/Sìos: Atharraich comhair an tochlaidh
04:18=A bheil barrachd dìona a dhìth ort no a bheil thu airson dol thairis air talamh nach|urrainn dhut coiseachd air? Cuir teannadairean ann far an togair thu.|Clì/Deas: Tagh teannadair ri chur ann|Cùrsair: Cuir an teannadair air ionad dligheach
04:19=Ma chleachdas tu aig an àm cheart e, faodaidh tele-phortadh a bhith nas|cumhachdaiche na cha mhòr arm sam bith on a leigeas e leat gràineag|a shàbhaladh o shuidheachadh cunnartach ann an tiotag.|Cùrsair: Tagh raon amais|clì/Deas: Tagh comhair na h-aghaidh
04:20=Leigidh seo leat a’ chuairt làithreach a ghabhail le gràineag eile.|Ionnsaigh: Cuir atharrachadh ghràineagan an comas|Dèan suids: Tagh an ath-ghràineag|Amas pongail + Dèan suids: Tagh a’ ghràineag roimhpe
04:21=Loisg astas a sgaoileas iomadh peilear nuair a bhuaileas e.|Thèid na peilearan a thilgeil air ais agus tha iad nas|cunnartaiche na am prìomh-pheilear.|Ionnsaigh: Loisg le làn-chumhachd
04:22=Chan eil seo gu feum dha Indiana Jones a-mhàin!|’S e arm feumail a tha sa chuip ann an iomadh suidheachadh.|Gu h-àraidh nuair a bhios tu airson cuideigin a bhrùthadh far chreag.|Ionnsaigh: Buail air a h-uile càil air do bheulaibh
04:23=Mur eil dòchas eile ann tuilleadh, faodaidh seo a bhith goireasach gu leòr.|Dèan ìobairt dhe do ghràineag agus tilg i an comhair shònraichte gus|dochann a dhèanamh air càil sam bith ’na rathad.|Spreidhidh i air an deireadh.|Ionnsaigh: Thoir ionnsaigh sgriosail mharbhtach
04:24=Co-là breith sona dhut! Cuir a’ chèic seo gu dol ach an dèid i gu|taobh do nàimhdean ach am bi hòro-gheallaidh spreadhach aca.|Gheibh a’ chèic thar cha mhòr tìr sam bith ach dh’fhaoidte gun|spreidh i nas tràithe mar sin.|Ionnsaigh: Cuir a’ chèic gu dol no cuir stad is spreadhadh oirre
04:25=Nuair a chuireas tu a’ chulaidh seo air do ghràineag,bidh i|cho tarraingeach nach e ruith ach leum a th’ ann dha na|gràineagan faisg oirre on a thèid an dalladh leis|a’ ghaol (agus ’s dòcha gun dèid iad ann am beàrn no toll).|Leaghaidh lasair na suirghe seo fiù ’s cridhean ghràineagan reòite.|Ionnsaigh: Dèan suirghe nach gabh diùltadh
04:26=Tilg a’ mheal-bhuc sùghail (is sgeingeach) air na nàimhdean. Nuair a dh’fhalbhas an ùine air an tìmear, thèid a sgapadh ’na bomaichean beaga.|1-5: Suidhich tìmear na meal-bhuic|Ionnsaigh: Cum sìos gus a tilgeil le barrachd neart
04:27=Dòirt teine ifrinneach air do nàimhdean leis an stuth-spreadhaidh mallaichte seo. Cum air falbh on spreadhadh on a dh’fhaodas teinntean beaga maireachdainn greis.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
04:28=Greis às dèidh dhut an rocaid seo a chur gu dol, tòisichidh i|air tochladh ron làr agus spreadhaidh i nuair a thèid a fiùsa air|no nuair a ruigeas i an uachdair a-rithist.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a cur gu dol le barrachd neart
04:29=Chan eil an t-inneal seo iomchaidh dhan chlann! Loisgidh an gunna-bhàlaichean torr bhàlaichean beaga dathte a tha làn stuth-spreadhaidh.|Ionnsaigh: Loisg le làn-neart|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas
04:30=Iarr itealan a bheir ionnsaigh cumhachdach le napalm.|Leis an amas cheart, millidh an ionnsaigh seo raon mòr|dhen tìr, a’ gabhail a-steach nan gràineagan mì-fhortanach|a tha ’nan seasamh ann.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|Cùrsair: Tagh raon amais
04:31=’S e an t-arm as fhearr gus creataichean a thogail no ionnsaigh a thoirt air gràineagan fad air falbh a tha san itealan le smachd chèin. Buail ri nàmhaid leis no leig às bomaichean an toiseach.|Ionnsaigh: Cuir an t-itealan gu dol no leig às boma|Leum fada: Dèan còmhrag|Clì/Deas: Stiùirich an t-itealan
04:32=Tha iom-tharraing ìosal nas èifeachdaiche na daithead sam bith! Leum nas àirde is nas fhaide no tilg na nàimhdean agad nas fhaide.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
04:33=Aig amannan, chan eil a dhìth ort ach beagan dochainn a bharrachd. Ma ghnìomhaicheas tu seo, thèid 50% a chur ris an dochann gu deireadh na cuairte.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
04:34=Chan fhulaing thu dochann gu deireadh do chuairt. Na bi ro bhragail co-dhiù on a ghabhas do bhàthadh fhathast.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
04:35=Faodaidh gum falbh an ùine ort ro luath.|Faigh 30 diog a bharrachd gus an ionnsaigh agad a thoirt gu buil.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
04:36=Uill, nach eil sgilean amais a dhìth ort? Faigh beagan taice le teicneolas ùr-nòsach.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
04:37=Na cuireadh solas an latha an t-eagal ort! Cha mhair e ach cuairt agus sùghaidh tu 80% dhen dochann a dh’fhulaingeas na gràineagan eile.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
04:38=Faodaidh an isneach fàtha a bhith ’na arm as milltiche san arm-lann agad|ach chan eil i èifeachdach idir ma tha an t-amas faisg ort.|Mar as fhaide air falbh an t-amas ’s ann as motha a bhios an dochann a nì i.|Tha i doirbh tomhadh, mar sin feumaidh tu fuireach far a bheil thu fhad ’s a|bhios an t-arm seo an gnìomh.|Ionnsaigh: Gnìomhaich am fradharc-leusair agus loisg an uairsin (dà thuras)|Clì/Deas: Tionndaidh an chomhair do chùil (eadar dà losgadh)
04:39=Sgiathaich gu sgìre eile a’ mhapa leis an t-soitheach-itealaich. Bheir an goireas seo|a tha doirbh làimhseachadh cha mhòr gu àite sam bith air a’ bhlàr thu.|Ionnsaigh: Gnìomhaich/Cuir à gnìomh|Cuas/Clì/Deas: Luathachadh goirid dhan chomhair sin|Leum fada: Leig às durcan-spreadhaidh no airm coltach riutha|Amas pongail + leum fada: Tilg arm dhan chrois-ribe|Amas pongail + Suas/Sìos: Gleus an tomhadh
04:40=Cuir teine air an làr leis a’ bhotal seo a tha làn lionna|a loisgeas (an ceann greis).|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
04:41=Seo dearbhadh gu bheil an nàdar as cumhachdaiche na an soitheach-itealaich.|Giùlainidh an t-eunan do ghràineag mu thimcheall agus leigidh e uighean air|na nàimhdean gus am puinnseanachadh!|Bi luath on a chaitheas an t-eunan ùine na cuairte agad!|Ionnsaigh: Gnìomhaich is leig às uighean|Suas/Clì/Deas: Clap sgiathan ’na chomhair sin
04:42=Bheir an t-inneal tele-phortaidh so-ghiùlan seo nithean on dàrna ionad dhan ionad eile sa bhad – thu fhèin, nàmhaid no airm.|Cleachd gu glic e ach an dèid an latha leat!|Aithris-àichidh: Chan obraich e air bann rubair.|Ionnsaigh: Tilg doras|Dèan suids: Atharraich dath an dorais
04:43=Cuir an t-iongnadh air càch le do chuid ciùil!|Tuit clàrsach mòr o na speuran|a mhilleas gad rud ’na rathad ach thoir an aire:|Thèid do ghràineag ’na h-ìobairt gus an clàrsach a ghairm.|Cùrsair: Tagh raon amais|F1-F9: Seinn air a’ chlàrsach
04:44=Chan e càise a th’ ann ach cogadh bith-eòlach! Cha dèan e mòran|dochainn nuair a ruigeas an tìmear neoni ach thèid gràineag|sam bith a bheir fàileadh às a phuinnseanachadh!|1-5: Suidhich an tìmear|Amas pongail + 1-5: Suidhich neart a’ bhocaidh|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
04:45=Gheibh thu buannachd às an eòlas-nàdair mu dheireadh thall!|Cuir gu dol tonn sìneis marbhtach a loisgeas tron tìr.|Thoir an aire on a tha bualadh air ais làidir aig an arm seo.|Ionnsaigh: Loisg
04:46=Còmhdaich do nàimhdean le lasair theth.|Bheir i tiomachadh air an cridheachan!|Ionnsaigh: Gnìomhaich|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas|Clì/Deas: Gleus neart an steallaidh
04:47=Thoir an dà latha air do nàimhdean le dà mhèinn steigeach spèiceach shlìogach.|Suidhich frith-spreadhadh no dìon thu fhèin (no an dà chuid!)|Ionnsaigh: Cum sìos gus an tilgeil le barrachd neart
04:48=Carson nach rachadh bualadh ach air famhan?|Tha bualadh air gràineag (no mèin, no baraill) a cheart cho tlachdmhor!|Bheir bualadh math leis an òrd seo an treas cuid a shlàinte o ghràineag|(no an dàrna leth le barrachd dochainn) agus cuiridh e fon talamh i.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
04:49=Dèan ìobairt dhe do shlàinte gus do charaidean aiseirigh!|Ach thoir an aire gun dèid do nàimhdean aiseirigh cuideachd.|Ionnsaigh: Cum sìos gus an aiseirigh gu slaodach|Suas: Luathaich an aiseirigh
04:50=A bheil cuideigin ’na fhalach fon talamh?|Thoir dhan uachdar iad le buille tochlaidh!|Stiùirichidh an tìmear dè cho domhainn ’s a thochlas e.|Clì/Deas: Tagh comhair na h-ionnsaighe|1-5: Suidhich an tìmear|Cùrsair: Tagh raon amais
04:51=Faigh losgadh an-asgaidh ’s tu a’ tilgeil bàla puill.|Cha dèan e dochann ach putaidh e gràineagan is nithean.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart
04:52=GUN CHLEACHDADH
04:53=Gabh sgrìobag thar àm is rum fhad ’s a dh’fhàgas tu do chuideachd|a’ sabaid ’nan aonar. Bi an dùil air tilleadh uair sam bith no air bàs|obann ma thèid an ruaig uile.|Aithris-àichidh: Chan obraich e ann am modh a’ bhàir obainn|ma tha thu ’nad aonar no mas e rìgh a th’ annad.|Ionnsaigh: Gnìomhaich
04:54=Steall sruth dhe bhleideagan steigeach.|Tog drochaidean, tòrr nàimhdean, dùin tunailean.|Thoir an aire nach cuir thu gin dheth ort fhèin!|Ionnsaigh: Gnìomhaich|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas|clì/Deas: Gleus neart an steallaidh
04:55=Till dhan linn-deighe!|Cuir reòthadh air gràineagan, dèan an làr sleamhainn no sàbhail thu fhèin on bhàthadh le reòthadh an uisge.|Ionnsaigh: Gnìomhaich/Cuir à gnìomh an gath-reòthaidh|Suas/Sìos: Lean ort ’ga amas
04:56=Tilg dà chorc air do nàimhdean no cleachd iad gus bealaich is tunailean a bhacadh no gus sreap leotha!|Thoir an aire! Tha cluich le sgian cunnartach.|Ionnsaigh: Cum sìos gus an tilgeil le barrachd neart (dà thuras)
04:57=Tog bann rubair lastaigeach sìnteach às a bhocas gràineagan is rudan eile gun a bhith|a’ fulang dochann tuiteim.|Clì/Deas: Atharraich comhair a’ bhanna rubair|Cùrsair: Cuir am bann rubair air ionad dligheach
04:58=Sgiathaidh am boma fagais seo san adhar gu saor agus leanaidh e air a’ gràineag a tha cho mì-fhaiceallach ’s a thèid i ro fhaisg air.|Chan eil an spreadhadh aige cho làidir ’s a tha aig a’ mhèinn thìreach co-dhiù.|Ionnsaigh: Cum sìos gus a thilgeil le barrachd neart

; Game goal strings
05:00=Modhan a’ gheama
05:01=Seo na riaghailtean a bhios an gnìomh
05:02=Dùin: Dìon na dùin agad; sgrios na nàimhdean!
05:03=Iom-tharraing ìosal: Coisich gu cùramach
05:04=Do-leònaidh: Tha na gràineagan (cha mhòr) do-leònta
05:05=Sùgh fala: Thèid na gràineagan a shlànachadh le 80% dhen dochann a fhuair iad
05:06=Karma: Fulaingidh na gràineagan airson an dochainn a rinn iad
05:07=Dìon an rìgh: Na leig leis an rìgh agad bàsachadh!|Cuir an rìgh ann: Tagh ionad-tòiseachaidh dìonta airson an rìgh agad
05:08=Cuir ann gràineagan: Tagh ionadan nan gràineagan agad mus tòisich an geama
05:09=Làmhachas: Chan urrainn dha na gràineagan agad coiseachd gu ionad eile
05:10=Tìr do-mhillte: Cha mhill a’ mhòrchuid a dh’airm an tìr
05:11=Connadh co-roinnte: Co-roinnidh gach sgioba air a bheil an t-aon dath an cuid connaidh
05:12=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean às dèidh %1 diog(an)
05:13=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean sa bhad
05:14=Tìmearan nam mèinnean: Spreadhaidh mèinnean às dèidh 0 – 5 diogan
05:15=Atharraichear dochainn: Nì (cha mhòr) a h-uile arm %1% a dhochann
05:16=Thèid slàinte nan gràineagan uile ath-shuidheachadh air deireadh na cuairte
05:17=Thèid gràineagan nan IF ath-ghintinn nuair a gheibh iad bàs
05:18=Ionnsaighean gun chuingeachadh
05:19=Thèid na h-airm ath-shuidheachadh air deireadh na cuairte
05:20=Cha cho-roinn na gràineagan na h-airm
05:21=Sgiabag sgioba: Gabhaidh na sgiobaidhean ann an cinneadh cuairt fear mu seach|Ùine cho-roinnte: Co-roinnidh na sgiobaidhean ann an cinneadh ùine nan cuairt